SALM X.
CRèud as far sheasais fad o láimh,
Jehobha làidir thrèun?
An aimsir teinn is triobloid mhóir
fa ndéan tu tfolach féin?
2 Ta ’ndroch-dhuin’ ann na àrdan borb
ag díbhargadh na mbochd;
Acht glacar iad ’sna hinntleachdaibh
do dhealbhadar chum lochd.
3 Oir nì an drochdhuin’ ráiteachas
a miann a chroidhe fein,
’S na daoine sanntach molidh sé,
ge beag ar Dia a mèin.
4 An drochdhuin’ ag fior árdan gruaidh
ni ghairionn sè ar Dhia:
Na chroidhe ni bhfuil uair ar bith
aon smuaineadh air an triath.
5 Ta uile shlighthe doilghiosach,
’s árd o na shùil do bhreith:
Ag sèidadh pluic gu fanoidach,
ma eascairdibh gach leth.
6 Na chroidhe fein do labhair sè,
a mfeast’ cho ghluaisfar mi:
Oir cho dtig amhghar orm gu bràth
no triobloid fos dom chlaoidh.
7 Do dhígan, mhallachadh, ’sdo ghò,
a bhèulsan làn atà:
Ta donas mòr is dìmhaoinas
fuidh theangaidhsan do ghna.
8 An diomhaireachd na ngclochan beag’
ghna-shuighionn sè gun fhios:
Ta shùil ar bochd ’sar neamhchiontach,
da mort an uaignidhas.
Ta shùile nimhneach mar a ngcèdn’
ro ghuineach gèur gu lochd,
Ag dearcadh ann an dìomhaireachd
a sgrios an fhìreun bhochd.
9 Mar leomhan luigh a mplaid ata,
na thàmh an garadh dìon,
’Ghabhail na mbochd: is ghlac se iad,
ga ntarruing ann na lìon.
10 Crúbaidh, is cromidh se gu làr,
chum dò nach moithiodh neach:
Le a laochraibh chum gu leagfadh sè
a mbochd ag gabhail seach.
11 A dubhairt se na chroidhe fèin,
dhichuimhnigh Dia gan cheist:
Do dhfolaigh sè a ghnúis a ngcèin,
ni lèir dho sud a mfeast.
12 Jehobha, èirigh suas an àird’,
a Dhia ta neartmhar trèun,
Tog suas do làmh: ’sna dearmaid chaoidch’
na deòridh bhochd na mfèidhm.
13 Na daoine dona creud fa ndèun
siad tailcais ort a Dhè?
A dubhairt se na chroidhe fèin,
ni fhiosruighionn tu è.
14 Chunnaic tu sin, os duit is lèir
gach dochar, is gach spìd,
Chum le do làimh gu dtiobhradh dhoibh
comain an uilc do nìd:
Sann ort a dfag an duine bochd
ê fèin do chur fo dhìon,
Os tu fear cuidigh agus neart
na ndílleachdan gan mhaoin.
15 Gàirden an drochdhuin’ is an daoi
leon thus’, is bris a Dhè:
Is rannsigh ’mach a lochd gu gèur,
gu nuig nach fuighar è.
16 Gu suthain is gu siorruidh fos,
an Tighearn’ ta na rígh:
Sgriosadh na cinnigh ’mach gu glan
na fhearannsan do bhi.
17 Miann na ndaoin’ umhla chual tu, Dhé;
a ngcroidhe ni tu glèust,
Is bheir tu ar do chluas gan cháird
a ngearansan gu nèist:
18 Do chonbhail ceart re dílleachdan,
sre daoine brúite truadh,
Do chum nach dtugadh duin’ on úir
ni smó ar forneart luadh.
title | Salm X |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |