SALM CI.
BReith-cheart is trócair canfar leam:
Dhé, sinnam dhuit le ceol.
2 Is iomcharam me fhein gu glic
ar slighidh fhoirfe chòir,
Cia uair dom ionnsidh thiocfas tù,
o Thighearna na mfeart?
A steach am fhárdoich gluaisfidh me
le croidhe fíorghlan ceart.
3 Fa chomhair fos mo shúile fein
ni ngcuirfam olc a bhfeasd:
Obair luchd saobhidh ’s fuathach leam,
’s ni nleanann riom gun cheisd.
4 An croidh’ ta iargolt ainmeineach
uam triállidh se a ngcèin:
Eólas no furan ar an daoi
a chaoidhch’ ni ngcuirfam fein.
5 ’Nti cùl-bhéum bheir da chomharsnach,
lom sgriosfam è gun chàird;
An croidhe borb, nior fhuilgam è
no neach a sheallas árd.
6 Biaidh m’air’ ar fìreuna na tír,
gu gabhuid comhnuidh leam:
An tí bhios foirse glán na bhéus,
se ’s óglach dhamh gach am.
7 Fear déanta ceilg is mealltairachd,
am theach nì ngcomhnuid~hann se:
Am làthair, neach a labhras brèug
gu buan cho nfhuirigh è.
8 Lom-sgriosfidh mise fos gu moch
gach droch-dhuin’ as an tír,
Chum luchd a nuilc a sgathadh as
o chathair Dhè gu léir.
title | Salm CI |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |