SALM CIII.
O Manam, beannuigh thus anois
an Dia Jehobha mòr:
Molfadh gach nì ta ntaobh stigh dhìom,
ainm naomhtha mar is còir.
2 O manam, beannuigh fein anois
Jehobha mòr do Dhia:
Na dìchuimhnigh gach tiodhlaichte
do dheònuigh dhuit an triath.
3 Se mhaithios duit gu grásmhur caoin
gach peacadh ionnad fein:
Se bheir dhuit slàint’, is furtachd fos
o teaslaintibh gu léir.
4 Do bheatha fos o sgrios an bháis
sé dhfuasglas duit gu pailt;
Se chrùnas tù le coroin gráidh,
’s le tròcair chaomh gun airc.
5 Le mhaitheas is le thiodhlaicthe
sár-líonidh sè do bhèul:
As gu bhfuil tóig’ ar nuadhachadh
mar iolair luath na nspéur.
6 Ar sgá na muinntir ùd, atà
le foirneart ar a ngclaoidh,
Ceartas is breitheamhnas faraon
se Dia dhoibh sùd do ní.
7 Do Mhaois an neach budh shearbhant dho,
a shlighe chuir se ngcèill:
Is mar a ngcèdn’ a ghníomhartha
do chlannibh Israèil.
8 Ta n Tighearn’ iochdmhur, tròcaireach,
’s mall fhearg, ’s is pailt’ a ghrás.
9 Cho bhí se tagradh rinn do shíor:
’s ní nglèidh se fhearg gu bràth.
10 Do rèir ar bpeacaidh iomarcach
nior rinn se dioghaltas:
’S cho dtug se luigheachd dhúinn, a rèir
ar ccionnt’ is easaontas.
11 Oir mar os cionn na talmhan tà
na spéuran àrd gach ré:
Is amhluidh sin ta thrócair mòr
don druing da neagal é.
12 Mar ta a nàird a noir sa niar
a gabhail fad o chéil:
’S comhfhad a chuireas Dia na ngrás
ar bpeacaidh uainn’ gu léir.
13 Amhluidh mar ghabhas athair dáimh
is truas da leanbaibh maodh:
Mar sin da fhíor-luchd-eagail fein,
Dia gabhidh truas gu caomh.
14 Oir ’s aithne is a ’sléir do Dhia
ar cruth ’s ar dealbh gu ceart:
Gur duslach talmhain sinn’ ar fad,
is cuimhne leis gu beachd.
15 An duine truadh, atáid a làeth’
amhluidh mar fhéur a ghná:
Mar bharr na luibh’ ar mhachair’ fos,
ata se fàs fuidh bhláth.
16 Oir gabhidh thairis osag ghaoith,
’s cho bhí se idir ann:
’S ni fhaicear é sa nionad ùd
a nraibh se fás gu teann.
17 Acht mairfidh tròcair’ Dé gu síor
don druing da neagal é,
Is fos do chloinn a ngcloinnesan
biaidh fhìrentachd gach rè:
18 Don aitam ùd a chumas ris
an cumhnant rinn se reò:
’S do ndruing a chuimhnig~hios aitheanta
do chum gu déant’ iad leò.
19 Do shocruigh Dia ’s na neamhaibh árd
a chathair fein gu tréun:
Ta ’rìoghachdsan a nuachdar fos
os cionn gach ní fuidh nghrèin.
20 Síor-bheannuighibh Jehobha mòr,
o aingle trèun an neart,
Ta déanamh iarrtais mar is coir:
a gèisdachd re na reachd.
21 Gach uile shluadh a bheanas dò,
beannuighibh Dia anois:
A shearbhanta ler gcoimhlíontar
gach nì is toileach leis.
22 Uil’ oìbridh, feadh a thighearnais,
a rinneadh leis an triath,
An rígh Jehobha beannuighibh:
o manam, beannuigh Dia.
title | Salm CIII |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |