SALM CVI.
O Tugaibh moladh mór do Dhia,
is buidheachas faraon,
Oir ta se maith, mairfidh gu bráth
a thrócair ghrásmhur chaoin.
2 Gnìomhartha tréun Jehobha mhòir
cia dhfèdas chur a ngcèill?
Cia dhfédas fos a chliù ro-mhór
a thaisbeineadh gu lèir?
3 ’S beannuight’ an aitam ùd gu beachd
a choimhdas breitheamhnus,
’S a neach úd fos do ní gach uair
ceartas is ionracas.
4 Dhia, cuimhnigh ormsa, leis an ghràdh
thug tu dot phobul fein,
O thig led shláinte shólasaich
dam fhiosrachadh a mfhèim:
5 Gu bhfaicfainn maith do dhaoine taght’,
’s gu dèanainn aoibhnas mór
Na naoibhnas súd: ’s le toighreachd fein
gu dèanainn uaill is glóir.
6 Do pheacuighmar ler sinnsiribh:
is fos do rinneadh linn
Mòr-chionnt’ ad haghaidh fein, a Dhè,
gu haingidh pheacuigh sinn.
7 Nior thuig ar sinnsira gu ceart,
do bhearta mírbhuileach
A rinneadh leat a ntìr na Hèipht’
gu trèunmhur cumhachdach;
Is líonmhuireachd do thròcair chaoimh
nior chuimhnigh siad gu truadh:
Acht aig an mhuir do bhrosnuid è,
re cois na fairge ruaidh.
8 Acht, theasairg se gu tèaruint iad
ar sgá dheadh ainme fein;
Do chum gu nochdfadh è mar sin
a chumhachda ro thrèun.
9 Do leig se mach gèur achmhasan
ler thiormuigh an muir ruadh;
Is stiúr se thríd na ndoimhneachd iad,
mar thríd a nfhásaich chruaidh.
10 O làimh na tí thug dhoibhsan fuath,
dfuasgail se phobul fein:
’S o láimh an náimhde mírunach
do shaor se iad gu tréun.
11 Is dfoluigh uisg’ a neascairde:
nior dfhan fiú aon dibh beò.
12 Chreid iad ann sin a bhriàthrasan
’s a chliù do shinneadh leò.
13 Ar dearmad leigadar gu cas
a ghnìomhartha ro thrèun:
Nior fhanadar gu foighidneach
re chomhairl’ eagnaidh fein:
14 San fhásach ghlac miann cíocrach iad:
’nsin bhuair siad Dia gu luath.
15 A niarrtas thug se dhoibh; acht chuir
caoil’ ar a nanam truadh.
16 San champa ghabh siad formad mòr
re Maois’ an duine caomh:
’S re Aron neach a roghnuigh Dia
dhó fein na shagairt naomhth’.
17 An talamh dfosgail se a bhèul,
’shluig Datan síos gu grad:
Buidhann Abìram mar a ngcèdn’
do dhfoluigh se ar fad.
18 Is fos ameasg a ngcuideachdsan
do las an teine teth;
Is loisg an lasair suas gu léir
na drochdhaoín ùd gu seth.
19 Do dhealbhadar is rinn siad laogh
gu truadh aig Hòreb árd,
’S do níomhaigh leaght’ a rinneadh leo
do ádhradar gun cháird.
20 Mar sin do chlaochoil iad gu bochd
a nDia ’s a nglóir gu lèir
Gu cosamhlachd is fioghair bó,
no daimh do íosadh féur.
21 An Dia bu shlánuig~htheoir dhoibh na mfèim
dhichuimhnigh siad gu grad;
An neach ler rinneadh bearta mór
an tír na Héipht’ ar fad:
22 Is gníomhartha ro iongantach
an dúthuigh Cham le buaidh:
Is neithe fos ro-uathbhasach
re gcois na fairge ruaidh.
23 Ar ’nádhbhar sin a dubhairt sè
gu millt’ iad leis gu lèir,
Mun seasadh Maois’ a shearbhant taght’
fa chomhair, ann san bhém:
Do chum gu déant’ a chorrigh mhór
a philleadh uadh ar ais,
Deagla na fheirg’ gu dèanadh se
a phobul fein a sgrios.
24 Dhiùlt siad le táir an tír ro mhaith:
nior chreid siad briathar Dè:
25 Na mpàilliunuibh rinn monmhur mòr:
’s da fhocalsan nior ghèill.
26 An sin na naghaidh thog se lámh:
da nsgrios san fhásach lom.
27 Do sgrios an sliochd ’measg fineacha,
’s da nsgaoileadh ar gach fonn.
28 Be Baal-Peor mar a ngcédn’,
cheangluid iad fein gu dlú:
Is díosadar do íodhbairtibh
na niodhol mharbh nach fiù.
29 Mar sin chum feirg’ do bhrosnuid é,
le ninntleachdibh gu truadh:
Is bhris a phláigh an sin gu mòr
asteach a measg an tsluaidh.
30 Sheas Phineas, is rinn se nceart:
’nsin sguir a phláigh da ngclaoidh.
31 Sud mheasadh dhò mar fhírentachd:
o linn gu linn a chaoidhch’.
32 Aig uisge comhstríbh Meriba
bhrosnuigh siad Dia arìs:
Ar chor fa chúis a phobuil úd
gu dèirigh olc do Mhaois:
33 Oir rinneadh leo a spioradsan
a bhrosnachadh gu gèur:
Jonnus gur labhair se an sin
gu hobainn le na bhèul.
34 Nior sgriosadh leo na poibleacha,
mar dhaithn’ Jehobha’ dhoibh:
35 Acht mheasgadh iad sna fineachaibh
is dfóghluim siad a ndòigh.
36 Do iodholaibh na mfineacha
seirbhis do rinn gu truadh:
Bhi sud mar líon ’s mar ribe dhoibh
ler ghlacadh iad gu luath.
37 Acht tuileadh fos, do rinneadar
a mic sa ninghion’ fein
A thabhairt suas mar íodhbairta
do dheamhnibh mar a ngcèdn’.
38 Is fuil na neamhchionntach gu truadh
do dhóirteadh leo gun sgá,
Bi fuil a mac ’s a ninghean fein
do dhòirt siad gun chionfá,
Do iodholaibh Chànáan fos
mar íodbhairt thug a nsliochd:
Mar sin do thruaillig~headh leo an tìr
le fuil gun truas gun iochd.
39 Is amhluidh sin le ngnìomharthaibh
do thruailleadar iad fein:
Chuaidh siad ar stríopachas o Dhia
le ninntleachdaibh gu léir.
40 Fa nádhbhar ùd las corrigh Dhè
re phobul fein gu teth:
Ionnus gur ghabh se gráin gu mòr
da oighreachd ar gach leth.
41 Is amhluidh rinn se ntaibhairt suas
an láimh na mfineach fiat’:
Is thug se dhoibh mar uachdarain
an droing do dhfuathuigh iad.
42 Do bhi siad ar an foireigneadh
len naimhdibh làidir trèun:
Is leagadh iad gu hìsiol síos
fuidh nláimh sùd mar a ngcédn’.
43 Gu minic thug se saoradh dhoibh:
acht bhrosnuig~hid é arís
Le ngcomhairlibh, is leagadh iad
ar son a naingid~heachd síos.
44 Acht, thug se ’namhghar mór fa dear:
a nglaodh ’ntra éisdeadh leis.
45 Is dhoibhsan fós do chuimhnigh sè
an ceangal rinn siad ris:
Is ghabh se aithreachas do rèir
mór-líonmhuireachd a ghrás.
46 Thugar an dream ler ghlacadh iad
gur ghabhadar dhìbh truas.
47 Thusa Jehobha mhòir ar Ndia,
déan saoradh dhùinn nar bhfém,
Is déan a measg na ngeintileach
ar tionol leat gu lèir,
Do tainm ro-naomhth’ gu tiobhramid
mòr-bhuidheachas gu pailt:
Do chliù ’s do mholadh mòr faraon
gu sinnamid gu hait.
48 Beannuight an Triath, Dia Israèil,
o chian na ngcian gu bráth:
Abradh an pobul uil’, amen.
Molaibhsa Dia do ghná.
title | Salm CVI |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |