SALM CVII.
O Tugaibh moladh mòr do Dhia,
Is buidheachas faraon,
Oir ta se maith: mairfidh gu bráth
a thrócair gràsmhur caoin.
2 Pobul Jehobha ’shaoradh leis
labhraid mar so gun tàmh:
An mhuinntir úd do bhuin se saor
amach o láimh a nàmh.
3 Is as gach tìr an rabhadar
do chruinnighadh iad leis,
O náìrd a noir, ’so náird a niár,
o náird a tuaigh, is deas.
4 San dìothramh bhìd ar seacharan
ar bealach uaignidhach:
Is baile ar bith chum comhnuidh ann
ni ndfuair re dol asteach.
5 Bhìd ocrach agus íotmhar fos:
chlaoidhadh a nanam truadh.
6 Ghlaodh siad a nsin re Dia na nteinn:
shaor iad o namhghar chruaidh.
7 Do threoruigh agus stiúr se iad
ar bealach ceart fa ngcois:
Do chum gu reachadh iad da thrìd
gu baile támh is fois.
8 O bfearr gu moladh daoine Dia
ar son a mhaithas caoin,
’S ar son a bhearta iongantach
rinn se don chloinn na ndaoin’.
9 Oir ní se ’ntanam miannach trom
a shàsughadh gun airc,
’S an tanam cìocrach lìonuidh sé
le mhaithios fein gu pailt.
10 An dream do shuigh an dorchadas,
is ann a ndubhar bàis:
Fuidh chuibhreach ta an amhghar truadh,
’s a niarann cruaidh a nsás.
11 Ar son ga raibh siad ceannaircach
anaghaidh briathra Dè,
’S air comhairle na tí is áird
do rinn siad táir da rèir.
12 An sin do leag se ngcroidhe sìos
le saothair is le pèin:
Do thuiteadar, is ni raibh neach
da ngcuidughadh na mféim.
13 Ghlaodh siad an sin re Dia na nairc:
dfhuasgail o ’n teinn gu grad.
14 On dorch do bhuin, ’s o dhubhar bàis,
’s a ngcuibhreach bhris ar fad.
15 O bfearr gu moladh daoine Dia
ar son a mhaithas caoin:
’S ar son a bhearta iongantach
rinn se do chloinn na ndaoin’.
16 Fa nàdhbhar gur do bhriseadh leis
na geata pràis gu lèir:
Na stapuill iaruinn is na croinn
do sgaoil se as a chèil.
17 Ta amadain fa ngcron, ’s fa nlochd,
le amhghar goirt a nsás.
18 Ta nanam gabhail gràin do bhiadh:
táid dlù do dhoirsibh báis.
19 Ghlaodh siad a nsin re Dia na mféim:
dfhuasgail o ’n teinn gu grad.
20 Le fhocal rinn se nslànughadh:
is shaor o ’n sgrios ar fad.
21 O bfearr gu moladh daoine Dia
ar son a mhaithas caoin:
’S ar son a bhearta iongantach
rinn se do chloinn na ndaoin’.
22 Is dèanaid íodhbairt’ buidheachais
thabhairt do Dhia na glòir:
Is airisaid a ghníomhartha,
le subhachas is ceol.
23 Luchd luingais théid ar muir, ’sa bhìos
re gníomh a nuisguibh buan:
24 Dhoibh sùd is léir mòr-oibridh Dè,
is iongantais san chuan:
25 Ar iarrtas, dùisgar leis a ghaoth
gu hárd ’s gu doinionnach:
Ler togbhar suas gu atmhur borb
a tonna garbh ma seach.
26 Tàid uair’ gu neamh a gèirigh suas:
tàid uair dol domhain síos:
Ionnus gur leagh a nanam truadh
le triobloid chruaidh ’s le sgíos.
27 Dol chuig’ is uaidh, gu tuisleach fos
amhluidh mar dhuin’ ar mheisg:
Ionnus gur thréig gu buileach iad
gach gliocas bhi na measg.
28 Ghlaodh siad re Dia na nteinn a nsin:
o ’ntriobloid shaor se iad.
29 Do chuireadh leis an stoirm gu fèdh:
’s na tuinn na ntámh do bhíd.
30 A nsin ata siad ait, ar son
gu bhfuilid sámhach beo:
’S Gu dtug se iad don chala sin,
’s don phort bu mhiannach leo.
31 O bfearr gu moladh daoine Dia
ar son a mhaithas caoin:
’S ar son a bhearta iongantach
rinn se do chloinn na ndaoin’.
32 Is fos a ngcoimhthionol an tsluaidh,
árd-mholfaid è gu mòr;
’S a ngcruinneachadh na nseanoir glic
cliú tugar dhó is glòir.
33 Na haibhne nì na mfàsach lom,
tiobair na ntalamh cruaidh:
34 Tìr bheartach ní se fás: ar son
mór-aingidhachd an tsluaidh.
35 A mfásach tirim tionndaigh’ se
na uisge tàmh nach gann,
’S na thobar fìor-uisg’ iompoigh’ sè
an fearann tartmhur teann.
36 Do dhaoinibh ocrach bheir se súd
mar àite fois is tàmh:
Do chum gu deasuight’ cathar leo
chum comhnuidh ann do ghnà.
37 Chum craobhan fíon do shuighachadh,
is síol do chur san fhonn:
Do thabairt uadh san naimsir cheart
cinneas is toradh trom.
38 Bheannuigh sè fos a mpobul ùd,
is dfhás gu líonmhur mòr:
’S nior leig se dhoibh dol ar a nais
nà neallach nò na nstòr.
39 Táid ar an laghdughadh arís,
is leagfar iad gu bochd
Le foireigneadh, is amhghar géur,
le doilghios bhrònach ghoirt.
40 Ar phrionnsuibh dòirtfar tarcuis’ leis:
san fhásach mar a ngcèdn’,
Do ní se ngcur air seachran fiar
gun bhealach ann da ncèm.
41 ’S o thriobloid togbhidh se an bochd,
’s ní teàghlach dhó mar thrèud.
42 Do chí na fírein sùd, ’s bíd ait:
is druidfar bèul na mbéud.
43 Cia neach ta glic, ’s na neithe sùd
a bheir fadear gu ceart,
Siad sin a thuigas tròcair’ chaomh
is maithas Dhè na mfeart.
title | Salm CVII |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |