SALM CX.
DUbhairt an Tighearna rem thriath,
bi’d shuíghidh áir mo dheis,
T’uile eascairde go ccuirfam dhuit
na ’nstol fuídh bhonn do chois.
2 As Sion cuirfidh Dia amach
’s lat shúaitheantais do neart:
Sa mbuillsgen teascairde gu léir
bi fèin ad uachdran ceart.
3 Bithidh do phobul toghta fein
ro thoileach mar is còir,
San lo sin ann a bhfoillsigh tù
do chumhachda gu mòr.
An mais’ ’s a nsgéimh na naomhthachd ghrinn
o bholg na maídne moch,
Mar dhealt a thig anuas o neamh
ta tóigridh iomarcach.
4 Do mhionnuigh Dia Jehobha mòr,
’s nior aithreach leis ge drinn,
Do rèir dheadh-órd Mhelchìsedec,
gur sagairt thù gach linn.
5 An Tighearna ta air do dheis,
trom-bhuailtear leis gu garg
Mòr-rìoghridh láidir cumhachdach,
san lò do lasas fhearg.
6 Do bheir se breith measg gentileach,
lìonfaidh gach àit gu fìor
Le corpaibh marbh: is lotar leis
na huachdrain os gach tír.
7 Is ann san tslighidh òlfidh se
deoch as na srothaibh luath:
Is air a nádhbhar ùd fadheoidh
togbhaidh se cheann le buaidh.
title | Salm CX |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |