SALM CXI.
MOlaibhsa Dià, sìor mholfams’ è
le muile chroidh’ gu hárd;
A ngcoimhthionol na mfìren cóir,
’s an chuideachd mhóir gun cháird.
2 Ta gnìomhartha an Tighearna
iomarcach mòr gu lèir:
Is leis an dream ler tlachdmhur iad,
rannsuighear iad gu géur,
3 Ta obairsan ro-onorach
ro-ghlòrmhar fos gun cheisd:
Ta fírentachd Jehobha fos
buan-mharthanach a mfesd.
4 A ghníomhartha ro-iongandach
ar cuimhne chuir gu beachd:
Ata Jehobha gràsmhur caoin,
is lán do thròcaireachd.
5 Do thug se biadh is lòn don druing
da neagal é do ghna,
’S a chobhenant do rinn se leo
cuimhnuighidh se gu bràth.
6 Da phobul fein do chuir se ngcèill
neart oibridh iongantach:
Do thabhairt dhoibh mar sheilbh gu buan
oighreachd na ngeintileach.
7 Fìrinn is ceartas gnìomh a làmh:
ta statuis daingean fíor.
8 Tàid déunt’ an ceartas firinnach:
táid seasmhach buan do shìor.
9 Do shaoradh leis a phobul fein:
is dòrduigh se a mfeasd
A chobhenant: tá ainmsan naomhth’,
is uramach gun cheist.
10 Sè tùs an ghliocais eagal Dé,
ta deadh thuigs’ aig an dream
Ler ccoimhliontar a statuinsan:
’s maithriont a chliù gach am.
title | Salm CXI |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |