SALM CXIII.
MOlaibhsa Dia, o molaibh é,
’shearbhanta dìleas Dé:
Ard-mholaibh fos gu hurramach
deadh-ainm Jehobha thréin.
2 Ainm Dhè biodh beannuighte gu mòr,
o namsa ’nois gu bràth.
3 O èirghe gu nuig luidhadh grèin:
ainm Dhè ionmholta ’tà.
4 ’S àrd os gach tìr Jehobha mòr:
’s a ghlòir os neamha fos.
5 Cia ’s coimeas ris an Tighearna
ar nDia, ta ngcomhnuidh shuas:
6 Seisan an neach a chromas síos,
is dhìsluighas è fèin
Damharc gach nì san talamh ’ta,
’s an neamhaibh àrd na nspéur.
7 Tògbhaidh se ndeórídh truagh on dus;
’s a mbochd on òtrach bhréun.
8 Da ngcur na nsuidh’ le prionnsuibh árd;
le prionnsuibh phobuill féin.
9 Bheir se don mhnaoi atà gun sliochd
tigh còmhnuidh teaghluigh mhóir;
Do bhi na máthair macan ait;
molaibhsa Dia na glòir.
title | Salm CXIII |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |