LALM CXVI.
IS toigh leam Dia, ar son gu dèist
rem ghuth, ’s rem urnuigh fos.
2 Sìor-éigham ris, rem bheo: ar son
gur chrom se riom a chluas.
3 Chuaidh umam dochar gèur a bhàis,
ghlac piantaidh ifrinn mi:
Do ghlacadh me le triobloid thruadh,
is amhghar cruaidh dom chlaoi.
4 Air ainm Jehobha ghoir me ’nsin:
mar so do labhram ris,
O Dhia mo thighearn’, guidham ort,
Saor manam bochd anois.
5 Ata Jehobha grásmhur, ceart:
’s is trócaireach ar Ndia.
6 Se choimhdeas daoine simplidh ciuin
bhìom lag, is dfóir an triath.
7 O manam, fèuch gu pill thu ’nois,
Gùd shuaimhneas is gud thàmh:
Oir dheonuigh Dia gu pailte dhuit
mòr thoirbheartas a láimh.
8 O ghábhadh is o chunntart báis
do shaor tu manam bochd,
Mo chos do shaor o shleamhnachadh,
’s mo shùil’ o dhèuraibh goirt.
9 An sealladh Dhé, an tír na mbeo
gu díreach gluaisfar liom.
10 Air son gur chreid me, labhair me
bhìm air mo chlaoi gu trom.
11 Am dheithfìr dubhairt me mar so;
’S brèugach gach duin’ ar bhith.
12 Créud ìocfas me do Dhìa, ar son
na rinn se dhamh do mhaith?
13 Cupan na slàinte glacar leam,
air ainm Dhìa gairam féin.
14 Iocfam mo mhòid re Dia, anois
an làth~air a shluaidh gu lèir.
15 Aig Dia ’s ro phrísoil bàs a naomh.
16 Dhè, tòglagh ’sme go beachd,
’S mi tòglach mac do bhanòglaich:
mo chuibhreach sgaoileadh leat.
17 Do bheiram ìodhbairt molaidh dhuit
air ainm Dhè gairam fein.
18 Iocfam mo mhòid re Dia, anois
an làth~air a shluaidh gu leír.
19 A ccùirtibh aluinn àrois Dé,
Ad bhuilsgen fein gu fíor,
O chathair árd Jerusalem.
Molaibh an triath gu sìor.
title | Salm CXVI |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |