SALM CXVIII.
O Molaibh Dia, oir ta se maith:
Sìor-mhairthionnt tròcair Dhé.
2 Abradh clann Israèil anois:
gur buan a ghrás gach rè.
3 Tigh Aroin abradh siad anois:
síor-mhairthionnt trócair Dhé.
4 Abradh an droing dan eagal Dia,
gur buan a ghrás gach rè.
5 Am éginn ghoir me air an Triath:
Fhregair se me gu deas,
A nionad farsing agus rèidh
Shocruigh se mè le treis’.
6 Ta Dia Jehobha air mo chrann,
ni heagal leam a choidhch’:
Aon-ní do dhfédas clanna daoin’
a dhèanamh orm dam chlaoi.
7 Measg luchd mo chuidigh ata Dia
aig seasamh leam gu beachd:
Air luchd mo mhíruin uime Sin
chí mè mo mhiann a teachd.
8 ’Sfearr no bhi ’gearbs a duine beo,
ar dóchus chur an Dia.
9 ’Sfearr no bhi ’gearbs a prionnsaibh mòr,
ar dòchus chur san triath.
10 Do chuartuigh umam ar gach làimh
na dùchanna gu léir:
Acht sgatham as, is sgriosfam iad
a nainm Jehobha thréin.
11 Do chuartuigh siad me air gach taobh,
do chuartuighd mise fos:
Acht sgatham agus sgriosfam iad
a nainm Jehobha mhòir.
12 Mar bheachaibh samhluidh chuartuigd me,
chuaid as mar theine dreis;
Oir ann a nainm Jehobha thrèin
ni me gu léir an sgrios.
13 Dam leagadh, theann tu orm gu dlú:
acht chuidigh leamsa Dia.
14 Se Dia mo cheol, smo shláinte fos,
is sé mo threoir an triath.
15 Guth gàirdeachais is slàint’ ata
a mpáilliunaibh nan saoi:
Is gàirden deas Jehobha thrèin
Fuaradh gu trèbhach í.
16 Ta gàirden deas an Tighearna
ar àrdughadh gu mòr;
Do rinneadh bearta trébhantais
le deasláimh Dhè na glóir.
17 Ni bhfuidham bás, ach mairfiom beo,
is innsam oibridh Dhe.
18 Throm-smachduigh Dia me, ach chum báis
cho tug se thairis mé.
19 O fosglaibh dhamh gu farsing rè
Geatuigh na hionracais:
Do racham orrasan a steach,
Jehobha molfidh mis.
20 So doras Dè, air dtéid a steach
na daoine còire naomhth’.
21 Sìor-mholam thù, oir chual tu me:
is tu mo shláinte chaomh.
22 A chloch do dhiùlt na clochairan,
cloch-chinn na hoisinn í.
23 Se Dian an sùd, ’s ro iongantach
nar sùilibhne an gníomh.
24 So féin an lò a dórduigh Dia:
a mbi sinn’ suilbhir ait.
25 Fóir guidham, guidham ort a Dhè:
’nois soirbhigh leinn gu pailt.
26 Beannuight’ gu raibh an neach do thig
a nainm Jehobha thrèin:
Do thug sinn beannachd oirbhs’ a mach’,
a Teach Jehobha fèin.
27 Se Dia Jehobha dhealruigh oirnn’,
ceanglaibh le córdaibh cruaidh
Re adharcaibh na haltoir naomhth’,
a níodhbairt bheir sibh uaibh.
28 ’Stusa mo Dhia, is molfam thu:
àrduigham thù, mo Dhia.
29 O molaibh Dia, oir ta se maith:
síor-mhaithriont gràs an triath.
title | Salm CXVIII |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |