SALM CXIX.

א ALEPH. 1. Pàirt.

BEannuightan drong ta foirfe glan
san tshlighidh dhíreach cheart;



[222]

An drong do ghluaisas ann an lagh
àrd-Thighearna na mfeart.
2 Beannuightan aitam ud faraon
ler choimhdar teistais ,
S a dhiárras è gu díthchiollach
le nuile chroidhe fein.

3 Na shlighthibhsan síor-ghluaisfar leo:
s nior dhèan siad aingidhachd.
4 Do dhaithntu dhùinn gu ccoimhdamoid
gu díthchiollach do reachd.
5 O Sdiuir mo chèm, ’sgu ccoimhdar leam
do statuinn dhìreach fèin!
6 Cho ghabh me náir’, ’ntra bheir me spéis
dot aitheantaibh gu lèir.

7 Le croidhe trémhdhíreach gun ghò
mòr-mholam thù gu binn:
Ntra dhfòghlumas me breitheamhnais
do cheartais naomhtha ghrinn.
8 Se so mo rún gu ccoimhdar leam
do statuis cheart do ghnà:
O Thighearna, na trèigsa me
gu buileach no gu bràth.

ב BETH. 2. Pàirt.

9 Créud leis an glan an tóganach
a shlighe fein gu ceart?
Trîd faicill mhaith is furachras
réir tfocail is do reachd.
10 Le muile chroidhe fein, a Dhè,
do iarr me thù gu caomh:
Na leig dhamh dol ar seacharan
o taitheantaibh ro naomhth’.

11 Ar eagal peacaidh; dfoluigh me
am chroidhe tfocal ceart.



[223]

12 O teagaisg dhamh do statuin naomhth’:
s beannuight thu, Dhia na mfeart.
13 Lem bhilibh, breitheamhnais do bhéil
nochd me ar fadsar lèud.
14 Slighidhe do theistais baoibhnaich leam,
no saibhreas mór da mhéud.

15 Socraichidh me mo smuainteachadh
air aitheantaibh do reachd:
Ar cémana do shlighthibh fein
Síor-dhearcaidh me le beachd.
16 Gabhaidh me tlachd is ciata mhaith
dot statuisibh gu léir:
Ar dearmad fos cho leig me choidhch
deadh-fhocal glan do bhéil.

ג GIMEL. 3. Pâirt.

17 Riomsa tamòglach dhuit, a Dhé,
déan toirbheartas gach am:
Do chum gu bithinn beo, is fos
gu ccoimhde tfocal leam.
18 Fosgail mo shúilan, ’s chí mensin
mòr-iongantais do reachd.
19S coigreach ar talamh me: na ceil
orm taitheanta ro-cheart.

20 Ta manam briste brùit a stigh,
is muladach do ghná;
Aig mèud mo thograidh is mo mhiann
dod bhreitheamhnais gach trá.
21 Luchd uabhair mhalluighd smachduigh thú,
do chlaon o tiarrtas cheart.
22 Cuir spíd is masladh fada uam:
oir choimhdeadh leam do reachd.

23 Amaghaidh labhair prionnsaidh mhór,
air suighadh dhoibh le chèil:



[224]

Acht air do statuisibh ro naomhth
do smuaintigh tóglach fèin.
24 Táim gabhail tlachd is ciata mhór
dot teistas fhírinnach:
Is mar a ngcèdnta siad a mfèim
dhamh fein na ngcomhairlaich.

ד DALETH. 4. Páirt

25 Ta manam leantuinn ris a nùir:
rèir tfocail beothaich me.
26 Nochd me mo shligh’, is déist riom
Seól damh do lagh, a Dhé.
27 Ar slighidh fhíorghlan taitheanta
Toir dhamhsa tuigse ghéur:
Mar sin ar thoibribh iongantach
labhram ga ncgur a ngèill.

28 Ta manam leaghadh as le bron:
réir tfhocail deónigh neart.
29 Cuir slighe bhreugach fada uam:
ad ghrás toir dhamh do reachd.
30 Slighe na fírinn fhoirfidh ghloin
is ì bu roghain leam:
Do chuir me do cheart bhreithamhnais
Fam chomhair fein gach am.

31 Do lean me fos gu tulchuiseach
red theistas naomhtha fein:
Na cuir gu hamhluadh náire me,
O Thighearna ro thrèin.
32 A nslighe fhìorghlan thaitheanta
síor-rithidh me le tlachd:
Ntra chìtfar dhuit mo chroidhe teann
a chur a mfarsingachd.

ה HE. 5. Pàirt.

33 Slighe do statuin, teagaisg dhamh,
o Dhia Jehobha thréin:



[225]

Is coimhdam iad gu dithchiollach
gu crích mo shaoghail fein.
34 Tuigsagus eolas tabhair dhamh,
is coimhdidh me do reachd:
Is fos le muile chroidhe fein
coimhdear leam è gu beachd.

35 A ngcèm do lagh toir orm bhi triall:
oir leams ro thlachdmhur è.
36 Gud theistas naomhth’, ’s ni hann gu sainnt’,
mo chroidhe lúb a Dhè.
37 Mo shúile pill mun amhairc me
air dímhainas gun stà:
Acht ann ad shlighthibh naomhtha fein
ath-bheothaigh me do ghnà.

38 O Daingnuigh tfocal fìrinnach
do tóglach fein gu mòr:
Do neach thug suas é fein ar fad
do teagal mar is cóir.
39 Pill uam a nàiris eagal leam:
oirsmaith do bhreith, a Dhé.
40 Fèuch, ’s miannach leamsa taitheanta:
ad cheartas beothuigh me.

ו VAU. 6. Pàirt.

41 Tiocfadh do thrócair mar angcèudn
dom ionnsaidh fein, a Dhè:
Do chomhfhuasgladh, ’sdo shláinte chaomh
a rèir do gheallaidh fein.
42 Mar sin don neach bheir masladh dhamh
biaidh agam freagradh deas:
Oir ann a tfocall fìrinnach
mo dhóchas cuirfidh mis.

43 Focal na fìrinn na buin leat
gu hiomlan as mo bhèul;



[226]

Oir ann ad bhreitheamhnais ro-cheart
do bhì mo dhóchas fein.
44 Mar sin gu suthain is gu síor,
Gná-choimhdidh mi do reachd:
45 Ar son gur iarram taitheanta:
Gluaisam a bhfarsinnachd.

46 Re Rìoghribh labhram ar do theist,
gun amhluadh orm no Sgà.
47 Is gabham tlachd do taitheantaibh,
Sann doibh do thug me grádh.
48 Re taitheantaibh dtug me toil,
togbham mo lámhan fein:
Is ann do statuisibh ro naomhth
bitham re cnuasachd géur.

ז ZAIN. 7. Pàirt.

49 Cuimhnigh an focal ùd, a Dhé,
do tóglach fein anois,
D Thug tu mar bharant dóchuis damh,
s dtug orm gu déarb me ris.
50 Se so mo chomhfhurtachd ro-mhòr
am theinns am amhghar géur:
Oir rinn do bhriathar firinnach
math-bheothachadh gu trèun.

51 Do bhím mar ádhbhar fanoid mhòir
aig daoinibh àrdanach:
Gidheadh nior daom me o do lagh
le claonadh seachranach.
52 Do bhreitheamhnais do bhì o chian
chuimhnuigh me, Dhia, gu lèir:
Is ghlac me chugam ann an sin
deadh-chomhfhurtachd am fhém.

53 Ar son gur thréig an daoi do lagh,
ghlac uamhan me gu mór.



[227]

54 An tigh mo chuairt is moilithrighe
do statuin biad mo cheol.
55 Chuimhnigh me tainm, san noidhch’, a Dhè,
is choimhdeadh leam do reachd.
56 so mo chuid; oir choimhed me
Tiarrtais a Dhé gu beachd.

ח CHETH. 8. Pâirt.

57 Mo phórson is mo chrannchar thú,
O Thighearnis a Dhè:
Le gealladh cinnteach dubhairt me,
gu ccoimhdinn tfocal fein.
58 Le muile chroidhe diarram ort
do ghnùis, ’s do ghrása saor:
A réir do bhriathar firinnach
déan tròcair orm gu caoin.

59 Do chnuasigh me mo shlighe fein:
s red theistas phill mo chos.
60 Rinn deithfir choimhed taitheanta,
snior ghabh me càird no fois.
61 Chreach buidhann dhrochdhaoin me: gidheadh
nior dhearmaid me do reachd.
62 Eirghim ma mheadhon oidhch’; do chum
gu molfam do bhreith cheart.

63S fear comuinn me is companach
don droing dan eagal thu:
S don aitim ùd do choimhdas fos
tfíor aitheanta gu dlù.
64 O Thighearna, tantalamh làn
dot ghràs, ’s dot thròcair chaomh:
Tuigsagus eolas tabhair dhamh
ad statuisibh ro naomhth.



[228]

ט TETH. 9. Páirt.

65 Do tòglach rinn tu maith, a Dhé,
do rèir do bhriathar cheart.
66 Deadh thuigsis eolas teagaisg dhamh:
oir chreid me fhein do reachd.
67 Sol bhìm an teinn, air seachran chuaidhm:
ach tfocal ghlèidh menois.
68Smaith thus’, is nítar maithas leat:
ad statuisteagaisg mis.

69 Amaghaidh luchd a nárdain bhuirb
do dhealbh siad bréug le chèil:
Acht coimhdidh mise taitheanta
lem chroidhe fein gu lèir.
70 Ta ngcroidhesan comhreamhar fos,
re saill aig mèud an sódh:
Acht gabhidh mise tlachd dhamh féin
ad laghsa Dhé gach .

71S maith dhamhsanois gu raibh me fhèin
an teinn san namhghar géur;
Do chum gu fóghlamainn le beachd
Do statuin cheart gu lèir.
72S fearr dhamh gu mòr an lagh atá
ag teachd od bhèul amach,
No mìlte mòr do nairgiod ghlan,
Sdon òr is deirge dreach.

JOD. 10. Pàirt.

73 Do rinn, is dhealbh do lámhan :
dèun tuigseach me da rèir,
Do chum gu bhfuidhinn eolas maith
ar thaitheantaibh gu lèir.
74Ntra chí luchd teagail me, bid ait:
oir dhearb me as do theist.



[229]

75 Dhia chìm gur ceart do bhreith, ’s le cóir
do leòn tu me gun cheist.

76 Dhé, guidham ort, do thròcair chaoin
bhi dhamh mar chomhfhurtachd:
Do réir an fhocail labhair thù
re tòglach fein gu beachd.
77 O tiocfadh chugam fhein anois
do thròcair chaomh, a Dhé,
Dam chonbhail beo: oir se do lagh
mo thlachds mo mhiann gach .

78 Biodh nàirair luchd an àrdain mhòir,
bhuin riomsa, gun chionfá,
Gu fallsoil fiar: acht smuaintigham
ar taitheantaibh do ghnà.
79 Pillfid luchd teagail riom: ’s an drong
eolach ar do theist.
80 Gu raibh mo chroidhe ceart ad reachd,
nach náirighar me mfeasd.

כ CAPH 11 Pàirt.

81 Ta manam ar na chlaoidh gu mór
feitheamh do chaibhre Dhé:
Acht ta mo dhóchas bunailteach
ad tfocal tairis fein.
82 Aig feitheamh tfocail chaith mo shùil:
furtachd cia uair do ni?
83 Oirtàim mar bhuideal ann san toit:
s do reachd, nior dhearmaid me.

84 Ca líon iad làeth do shearbhaint fein?
is fos, a Dhé, cia uair
Chuirfas tu brèitheamhnas a ngnìomh
ar droing ta ormsan tóir?
85 An dream ta lán do dhárdan borb,
threachail siad dhamh gu beachd



[230]

Sluic domhain, chum mo ghlacadh leo,
nach raibh a rèir do reachd.

86 Táid orm an tóir gu hègcorach;
Dhè, cuidigh leam gu grad:
Oir tairis agus fírinnach
ta taitheanta ar fad.
87S beg nach do chlaoidhd ar talamh :
nior thrèig me tiarrtais naomhth’.
88S go ccoimhdinn teistas fìor do bhéil;
ath-bheothuigh gu caomh.

ל LAMED. 12. Pàirt.

89 Ta tfocal bunailteach, gu bràth.
s na neamhaibh árd a Dhé.
90 Ta tfìrinn is do thairisneachd
buan-mhairthionnt fad gach :
Do dhaingnaicheadh an talamh leat,
is sheasamh da réir.
91 Tàid buan aniudh rèir hórduighthfein:
do shearbhaint iad gu léir.

92 Mur bheith gur ghabh me ciata mhór
do tfocal fìrinnach:
Do dhfáillnighinn is ghebhinn bás
am amhghar iomarcach.
93 Tiarrtais cho dithchuimhnuigh me choidhch’:
oir bheothuigh thu me leo.
94S leat me, foir orm: oir diarr me fhéin
taitheanta féin gach .

95 Do bhì luchd aingid~hachd furachair
gam fheitheamh chum mo sgrios:
Acht ar do theistas fírinnach
lem smuaintidh dearcaidh mis.
96 Chunnaic me críoch gach nithe
san bheathidh so da mhéud:



[231]

Acht tsocal ta gun tomhas fos
aig farsingachd is léud.

מ MEM. 13. Pàirt.

97 Cia ionmhuinn leam do laghsa Dhé!
mo smuaineadh è gach .
98 Os meascar thug tu gliocas damh
led reachd; ta leam do ghnà.
99 Is tuigsaich me nonaitim ùd
thug teagasg dhamh gu léir:
Bhrìogh gur hann ar do theistas naomhth
táim smuaintiughadh gu gèur.

100 Tàim tuigseach eagnidh fos os cionn
gach seanoir ann san tír;
Ar son gur choimhdeadh leam gu beachd
iarrtais do reachd gu fìor.
101 Phill me mo chos o ròd gach uilc:
gu ccoimhdinn tfocal ceart.
102 Nior chlaon me fos od bhreitheamhnais:
oir theagaisgadh me leat.

103 Cia milis le mo bhlas, a Dhé,
do bhriathra ceart gu léir!
Is millse do mo cháiren iad
no mil ar feadh mo bhéil.
104 Trìd taitheanta táim faghail fos
tuigsagus eolas maith;
Is uime sins ro fhuathach leam
gach slighe cham air bith.

נ NUN. 14. Pàirt.

105 Is lòchrann tfocal fein dom chois:
solus dom chèm gu seth.
106 Do mhionnuigh me, is nìm da rèir:
gu ngcoimhdinn do cheartbhreith.



[232]

107 Ta mis an triobloid iomarcach:
o Thighearna na mfeart,
Do réir a nfhocail labhair thú,
athbheothigh led neart.

108 Gabh uam gu taitneach, (guidham ort)
oifrail mo bhèil anois,
A bheiram dhuit gu toileach saor,
sdiuir me ad bhreitheamhnais.
109 Ta manam bochd am láimh a ghná:
acht chuimhnigh me do reachd.
110 Leag drochdhaoinromham lion: gidheadh
nior chlaon o tiarrtais ceart.

111 Do theistas fíor do ghabh me fhein
mar moighreachd bhuan a mfeasd:
Oir siad a bheir dom chroidhe leónt
subhachas mòr gun cheisd.
112 Daom me mo chroidhe fos do chum
gu dèanta leam a ghná.
Do statuinn cheart do chur a ngnìomh,
nois is arìs gu bràth.

ס SAMECH. 15. Pàirt.

113 Is fuath leam smuaìntigh dhímhainach:
dod reachd ach thug me gràdh.
114Stu-mionad foligh, ’s tu mo sgia:
as tfocal mearbs atá.
115 O sibhsa chleachd bhi dèanamh uilc,
imthighibh uam anois:
Oir aitheanta mo Thighearna
le cùram coimhdidh mis.

116 Rèir tfocail déun mo chonbhail suas,
do chum go mairfinn beo:
S na leig fuidh náire me, fa chùis
mo dhòchas fein gach .



[233]

117 Neartigh me, ’s téarnidh mise slàn:
sìor dhearcam ar do reachd.
118 Shaltair thu ar na chlaon od lagh:
oirs bréug a mfeill gu beachd.

119 Mar shal drochmhiotail teilgir uait
gach daoi ar talamh :
Is uime sins ro chaomh leam fein
teistais do bhèil do ghnà.
120 Do chriothnuigh mfeoil fa neagal òd
do ghabh me romhad fein:
Is líonadh me le huamhann fos,
fad bhretheamhnais gu léir.

ע GNAJIN. 16. Pàirt.

121 Rinn me breith chorum cheart: na fàg
fuidh iochd luchd mforneart .
122 Binráth ar tòglach fein ar mhaith:
na leig luchd buirb dam chlaoi.
123 Mo shùilan ta ar fáillniughadh
feitheamh do shlàinte, Dhè:
S a feitheamh gus an ccoimhlìontar
deadh bhriathar ceart do bhéil.

124 Re tòglach buin a réir do ghràs
muin damh do lagh gu beachd.
125S mi tòglach, tabhair eolas damh:
gu ttuiginn fein do rcachd.
126S mithigh dhuit gnìomh a thaisbeanadh
a Dhé Jehobha threin:
Ar son gur sgaoil, ’s gur bhriseadar
taitheanta naomhthgu léir.

127 Fan ádhbhar ùd, o Thighearna,
gu dearbh is ionmhuin leam
Taitheanta fein os cionn a nóir,
an tòr is fearr atann.



[234]

128 Measam tuiliarrtais uime sin
bhi anns gach aon-ni ceart:
Is fuathach le mo chroidhe fein
gach slighe bhrèig gu beachd.

פ PE. 17. Pàirt.

129 Ta tfocal is do theistais fein
a Dhè ro-iongantach:
Arnàdhbharsin ni manam bochd
ngcoimhed gu cùramach.
130 Bheir tionnsgnadh tfocail solus maith
re dul a stigh na pháirt:
Do dhaoinibh simplidh aineolach
do bheir se eolas árd.

131 Gu farsing dfosgail me mo bhèul,
aig ploscartigh gu mòr:
Fa mhéud mo thoil dot aitheantaibh
bhim muladach gu leoir.
132 Seall agus amhairc orm, a Dhia,
déan tròcair orm gu caomh:
Mar rinneadh leat a ghnà don dréam,
ler bionmhuin tainm ro naomhth’.

133 Peacadh na biodh a nuachdar orm:
ad tfocal sdiúir mo chèm.
134 O fhorneart dhaoine teasairg me:
is coimhdam tiarrtais fein.
135 Dealradh do ghnùis ar tòglach tog:
muin damh do statuin cheart.
136 Rith srotha dèur om shùilibh fos:
ar briseadh leo do reachd.

ץ TSADDI. 18. Pàirt.

137S ro chomhthromach thu fein, a Dhé,
s is dìreach rèidh do bhreith.



[235]

138 Do theist a dhaithn tu dhùinn atáid
ro thairis ceart gach lèth.
139 Do rinn mo ghràdh is méud ro mhór
mo chaitheamh roimhe chéil:
Do bhríogh gur dhearmid meascairde
deadh-bhriathra ceart do bhéil.

140S ro-fhíorghlan tfocal: uime sin
s ionmhuinn le tòglach é.
141 Tàim suarach beg: gidheadh do reachd
ar dhìchuimhnnior leig me.
142 Do cheartas fein is ceartas é
ta sìorr uidhe buan gu bràth:
Is amhluidh sin do lagh ro-cheart
na fhìrinn ghloin atà.

143 Ghlac triobloid me, is damais orm
teinn agus amhghar géur:
Gidheadh do bhi mo thlachd gu mór
a taitheantaibh gu lèir.
144 Ceartas do theistais fein, a Dhé,
ta síorruidhe buan gun cheist:
Deadh-thuigse tabhair thusa dhamh,
Is bitham beo a mfeasd.

ק KOPH. 19. Pàirt.

145 Ghlaodh me le muile chroidh’: a Dhé,
èisd, ’s coimhdidh me do reachd.
146 Do éigham riot, foir orm: ’s an sin
coimhdam do theist gu beachd.
147 Do thionnsgain me romhn scarthanuigh,
is ghlaodh me riotsa Dhè:
Do bhì mo dhòchas bunailteach
ad tfocal daingean fein.

148 Mo shúilan bhi na bfurachair
no forthoir theann na hoidhch’:



[236]

Do chum gu bithinn smuaintiughadh
ar tfocal fein a choidhch’.
149 A réir do chaoimhnais thrócairaich
èisd re mo ghuth anois:
Do rèir do bhrethamhnais ro mhòr,
Jehobha beothuigh mis.

150 Luchd leantuinn uilc tàid teannadh orm
atá siad fad od reachd.
151 Dhé, ta tu mbhfogus: agus ta
tuiliarrtais fìor is ceart.
152 Fa thimchioll fos do theistais naomh,
o thosach bfiosrach me,
Gur rinneadh leat an socrachadh
do chum bhi buan gach .

ר RESH. 20. Pàirt.

153 Amhairc, a Dhè, ar mamhghar goirt,
is fuasgail orm a mféim:
Fan ádhbhar nach do dhearmaid me
an reachd do dhaithn tu fein.
154 Tagair mo chùis, is fuasgail orm:
rèir tfocail cum me beo.
155S fad slàinto dhrochdhaoinibh: ar son
do reachd nach iarrthar leo.

l56S ro-lìonmhur mòr do thròcair chaomh,
o Thighearnis a Dhè:
Do réir do bhreitheamhnais ro-cheart
dèan beothoil ealamh me.
157S lìonmhur luchd leanmhuinn orm an tóir,
is meascairde faraon;
Gidheadh od theistas fírinnach,
nior chuaidhm ar seachran claon.

158 Chunnaic me peacaich, chràdh sud me,
do reachd oir bhriseadh leo.



[237]

159 Féuch mar is ionmhuin leam do lagh:
ad chaoimhnas cum me beo.
160 A Thighearna ta tfocal fein
o thosach daingeann fìor:
Is táid do bhreitheamhnais ar fad
ceart agus buan gu sìor.

ש SHIN 21. Pàirt.

161 Bhi prionnsidh láidir orm an tòir:
gun ádhbhar na cionfá.
Acht air mo chroidhta eagal mór
roimhtfocail fein do ghnà.
162 Ta aitas orm red tfocal maith:
mar neach fuair creach gun tòir.
163S oilltoils is fuadh leam bréug: gidheadh
dod lagh thug grádh gu mòr.

164 Atàim a tabhairt molaidh dhuit
fa sheachd gach uile :
Ar son do bhreitheamhnais gu léir
ta ceart, a Dhè, gu bráth.
165S mòr sìth muinntir úd atá
aig tabhairt gráidh dod reachd:
Cho néirigh tuisleadh ìdir dhoibh,
no oilbhem fos gu beachd.

166 Do dhfeth me re do shláint, a Dhé:
choimhdam do reachd ar chòir.
167 Do theistais choimhed manam fein:
s ionmhuin leam iad gu mòr.
168 Do theistais agus taitheanta,
do choimhdeadh leam do ghnà:
Oir táid mo shlighidh fein gu lèir
fad chomhair fein gach .

ת TAU. 22. Pàirt.

169 Tiocfadh mo ghlaodh a bhfogasg duit,
a d tfiaghnais fein, a Dhè:



[238]

Is fos réir tfocail fhírinnaich
déan tuigseach eolach me.
170 Ad làthair tiocfadh mathchoinidh:
rèir tfocail ormsa fòir.
171 Ar teagasg dhuit do statuin damh,
mo bhéul bheir dhuitse glóir.

172 Labhridh mo theangar tfocal fìor:
oir ta tuiliarrtais ceart.
173 Déanadh do làmhsa congnamh leam:
oir roghnigh me do reachd.
174 Aig feitheamh ar do shlàinte, Dhé,
bhím fein gu tuìrseach trom:
Is mar a ngcéudndo bhi do reachd
ro thlachdmhur ciatfach liom.

175 Deònigh do manam bochd bhi beo,
is dhuit do bheir se glóir:
Is dèanadh do cheart-bhreitheamhnais
deadh-chongnamh dhamh le fòir
176 Do chuaidhas fein air seacharan
mar chaoirigh chaillte thruadh,
Iarr tòglach: oir nior leig dod reachd
dol as mo chuimhne uam.

titleSalm CXIX
internal date1694.0
display date1694
publication date1694
level
reference template

Sailm Dhaibhidh %p

parent textSailm Dhaibhidh
<< please select a word
<< please select a page