SALM XII.
NOis fòir, is cuidigh linn a Dhé,
oir deadh-dhuin’ ni bhfuil ann,
Na trèbhdhirigh measg clann na ndaoin’
ren faghail tá ro ghann.
8 Labhridh gach neach ren choimhearsan
an bhréug le miodal béil;
Le croidhe dùbailt làn do cheilg
síor labhridh siad le chèil’.
3 Gach béul ta làn do ghabhann tlà
dan gnà bhi leam is leat,
An teanga bhruidhneach àrdanach
sgathar le Dia na mfeart.
4 A dubhairt, orra bheir sinn buaidh
ler dteangaidh fein amach,
Leinn fein ar bèil: cia chean an triath
do chuireas sinn fa smachd.
5 Re foireigneadh na ndeòridh truadh,
re osnaidh dhaoine bochd,
Nois èirgham, (dubhairt Dia:) dan dìon,
o luchd bagridh an lochd.
6 Is fìorghlan briathar Dhé gu dearbh:
amhluidh mar airgiod é
Do lèaghadh is do ghlanadh fòs,
fa sheachd an suacan crè.
7 Coimhedigh thus’ iad uil’, a Dhé
díonigh tu iad do ghnà
On ghinolachs’ anois atann,
o shoin amach gu bráth.
8 Gluaisidh gach èn taobh luchd a nuilc,
is togbhidh siad a ngceann;
An tan do chuirfar suas gu hàrd
na daoin’ is suarigh ’tann.
title | Salm XII |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |