SALM CXXII.
BHi aoibhnas orm ’ntra dubhradar,
gu tigh Dé théid sinn suas.
2 Ad dhoirsibh, o Jerusalém,
ar ccosa seasidh fos.
3 Jerusalem mar chathair í,
thogbhadh gu díleas dlù.
4 Dan rachaid suas na treabh gu léir,
siad treabha Dhé na ndùl.
Go teistas Israèil, do chum
ainm Dhè gu molfadh siad.
5 Oir cathraidh breitheamhnuis ta ’nsùd
cathraidh tigh Dháibhi iad.
6 Síor-ghuidhibh do Jerusalem
sìthchaimh is sonas mòr:
An drong sin fos ler nionmhuin thù
soirbhichidh siad gu leòr.
7 An taobh astigh dot bhallaibh fein
biodh sìth is sonas maith:
Deadh shoirbheas fos gu raibh gu bràth
ad lùchairt àrd a stigh.
8 Ar sgà mo bhràithreach ’s luchd mo ghaoil
dhuit guidham síoth do ghnà.
9 Ar sgá tigh naomh ar Tig~hearna Dia
iarram do leas gu bràth.
title | Salm CXXII |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |