SALM XIII.
CIa fhada dhearmodair me leat
a Dhia, a nann gu bràth?
Cia fhada dhfolaig~heas tu do ghnúis
gu coimhtheach uam gach trà?
2 C’fhad’ bhìm re comhairl’ ann mo chom,
le croidhe trom gach laoi?
Cia fhada dhàrduig~hear tharum suas
mo nàmhaid mar do bhi?
3 Tabhair fanear, is freagair me,
a Thighearna mo Dhia;
Soillsigh mo shúile, codal trom
chum bàis nach codladh me.
4 Deagal gu nabradh riom mo nàmh,
chuaidh agam air anois:
’Sgu dèanadh meascar gàirdeachas,
an uair a dhaomar mis’.
5 Achd dearb me as do ghràs, is biaidh
mo spiorad ait ad shláint’:
6 Is sinnidh mé gu binn do Dhia,
ar son a phailtas ghnáight’.
title | Salm XIII |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |