SALM CXXXVIII.
LEm uile chroidh’ àrd-mholfam thú,
àrd-mholfam thù gu caomh
2 ’N lathair na ndia. Is slêchdfam dhuit
maghaidh red theampul naomhth’,
Is molfam tainm, bhrígh tfírinn cheart,
’s do chaoimhnais ghrádhaich fein:
Oir tfocal fiorghlan d’árduigh thù,
os cionn tuile ainm gu leir.
3 San ló do ghlaodh me riot, a Dhé,
fhreagair thu me gu luath:
Is thug tu spionnadh dhamh gu leòr,
le treóir, am anam truadh.
4 Bheir ríoghridh mòr na cruinne dhuit,
àrd-mholadh binn gu lèir:
San uair a ngcluinntar leò, a Dhia,
deadh-bhriathra glan do bheil.
5 An slighthibh fos Jehobha mhòir
seinnidh siad ceòl gu hait;
Ar son gur onorach, ’s gur árd
glòir àluinn Dhia na mfeart.
6 Ge hárd Jehobha, seallaidh sé
air daoinaibh umhla còir;
Acht ’s lèr dhò ’ndrong ùd, fad o làimh,
ta lán don àrdan mhòr.
7 Da ngluaisfinn ann a mbuilsgen fòs
na triobloid mhóir dam chlaoidh,
Ata me fiosrach dóchasach
gu beothuigh thusa mi;
Anaghaidh corrigh mhòir mo nàmh,
do lámhsa síntar leat,
Is nì do dheaslámh ann a mfèum
mo theasairgin le neart.
8 Gach ní sambith a bheanas damh,
coimhlìonuidh Dia gu tréun:
Is buan do ghràs, a Dhia, gu bráth;
oibridh do lámh na tréig.
title | Salm CXXXVIII |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |