SALM CXXXIX.
DO rannsuigh thu, ’s is aithne dhuit
mise, Jehobha thréin.
2 Mo shuigh’, is m’èirghe ’s aithne dhuit;
’s lèir dhuit mo smuain a ngcéin.
3 Mo chémna, is mo luidhe sìos
do chuartuigh thu gu dlù;
Is ar mo shlighthibh fein gu léir
’s gèur-fhiosrach eolach thú.
4 Féuch, ni bhfuil focal mòr no beg
no uirghioll ann mo bhéul;
Mun labhram iad, a Dhia na mfeart,
nach aithne dhuit gu léir.
5 Do chuartuigh thu me ar gach taobh,
romham faraon ’s am dhèidh;
Do làmh ta neartmhur cumhachdach
do leag tu orm a Dhè.
6 Tà nteòlas so ro iongantach,
is ormsa ta se cruaidh;
Ni ’nrigam air, oir ta se àrd
ren thuigsin, ’s re na luadh.
7 Cia ’ntàit’ ar bith a mféud me dol
od spiorad glic a Dhé?
Od ghnùis ta uile-léirsinneach
cia ’ntaobh a theichfas me?
8 Dan rachuinn suas ar neamh na nspèur,
ata tu fein a nsùd;
Dan luidhainn ann a nifrionn shíos,
tá tu sa nionad úd.
9 Ar barraibh sgià na maidne fos
dan siobhluinn fad o làimh;
Gu hiomalaibh na fairge móir
chum comhnuidh agus tàmh.
10 Stiùbhridh tu me ann sin, a Dhé,
led làimh ta tréun an neart,
Is nìtar leat mo chongbhail fos
led dheasláimh mhòir gu beachd.
11 Da nabrainn, gu déan dorchadas
gu deimhin mfolach uait;
Biaidh ’noidhche fein mar sholus glan
ag iathadh orm ma ngcuairt.
12 Cho nfholaigh uaitsa dorchadas,
’s comh-shoiller oidhch’ is lá:
’S ceart ionann duitse ’nduibhre dorch
is solus glan na ntrá.
13 Oir féuch do ghabh tu sealbh gu moch
air m’áirnibh is me maoth:
Sann leat do rinneadh mfholach fos
a mbolg mo mhàthar chaoimh.
14 Ard-mholfam thú, oir ’s uamhasach
’s is mìrbhuilteach mo dhealbh:
Ta toibridhs’ iongantach: ’s is lèir
do manam è gu dearbh.
15 ’N Tra rinneadh me an díomhaireachd,
’s a dhealbhadh me gu ceart
A náitibh ìochtrach talmhain shìos;
budh lér dhuit brìgh mo neart.
16 Mo shubstaint tra bhi sì gun dreach,
dod shùilibhsa budh lèr;
Mo bhuill gu hiomlan chuireadh sìos
sgríobht’ ann ad leabhar fhein;
Gidheadh re aimsir is re hùin
do dhealbhadh iad san nam:
Ar bheth dhoibh roimhe sin gun dreach,
’s nach raibh a haon dìobh ann.
17 ’S ro-phrìsoil uime sin, a Dhé,
do smuaintighs’ uile leam:
’S ro-líonmhur mór re náireamh iad
’s re ngcur ar cunntas ceann.
18 Re náireamh, ’s mòr gur lìonmhuir iad
no gaineamh mhìn na tràgh’:
Ar mosgladh as mo chodal damh,
tàim maille riot do ghnà.
19 Marbhthar an taingidh leat gu beachd,
o Thighearna ro-thréun:
Anois, ò dhaoine fuileachtach
imthighibh uam a ngcéin.
20 Oir labhradar a taghaidh, Dhé,
le aingid~hachd easaontais;
Is thug do naimhde mìrunach
tainm naomhth’ a ndìomhainas.
21 Nach bhfuil me tabhairt fuadh, a Dhia,
don druing thug dhuitse fuath?
Nach bhfuil me gabhail gráin don dream,
a taghaidh dhéirigh suas?
22 Fuath iomlan thug me dhoibh gu beachd:
mar naimhde nìm a meas.
23 Rannsuigh me, Dhé, mo chroidhe faic:
mo smuaintigh fèuch, fionn mis:
24 Féuch agus amhairc fein a bhfuil
sligh’ aingidh olc am chlè:
Is ann san tslighidh shìorruidh chòir
gu díreach treóruigh mé.
title | Salm CXXXIX |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |