SALM CXLI.
O Dhia, atàim ag èighach riot,
dèan deithfir chugam fhein:
Is tabhair èisteachd fos dom ghuth,
’ntrà ghlaodhas riot a mfhèm.
2 Mar bholtrach túis ad láthair suás,
mar sin biodh murnuigh riot:
Is togbhail suas mo lámh, gu rabh
mar íodhbairt fheasgair dhuit.
3 Cuir faire air mo bhèul, a Dhia:
dorus mo bhéilsa glèidh.
4 Gu drochbheart, no gu olc ar bith
na aom mo chroidhe, Dhé:
Deagla le luchd na haingidhachd,
gu ccuirsinn olc a ngnìomh,
Ge milis blast’ a nsòdh ’s a nglèus,
nior íosam fein maoin díbh.
5 Buaileadh an fíreun me le smachd,
gabhidh me sin gu caomh:
Gabhidh me uaidh an tachmhasan,
mar ola phrísoil mhaoth;
Cho bhris a mbualadh ùd mo cheann:
oir fos thèid murnuigh suas,
’Ntrá bhíos a naitim ùd gu truadh
na namhghar cruaidh a nsàs.
6 ’Ntrà theilgfar síos ar chlochaibh cruaidh
a mbreitheamhuin gu lèir;
’N sin cluinnidh siad, oir ’s milis binn
deadh-bhriathra grinn mo bhéil.
7 Ar cnàmhan fos aig bèul na huaigh
do sgaoileadar le tàir:
Mar ghearrar is mar sgoiltear fiodh
na spealtadh air an lár.
8 Acht táid mo shùile riotsa suas,
Jehobha Dhia na mfeart:
Na fàgsa manam bochd gun treoir,
’s tu fein mo dhòigh ’s mo neart.
9 O teasairg me on rib’, a Dhè,
do leagadar dam sgrios;
’S o eangaich luchd na haingidhachd,
a dfholuighdar gun fhios.
10 Acht tuiteadh luchd na haingidhachd
na nlíontaibh rinneadh leo:
An feadh bhíos mise gabhail thart,
’s a téarnadh asta beo.
title | Salm CXXXXI |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |