SALM CXLVII.
Moluidhsi Dia oir ’s maith bheth seinn
árdmholadh binn dar Ndia:
Oir ’s tlachdmhur è, ’s is maisoil súd
bhi tabhairt cliù don Triath.
2 Suas togbhidh Dia Jerusalem;
cruinnighidh sè le chèil
An dream dan drinneadh díbearthoigh
do ghinoil Israéil.
3 Do naitim ga bhfuil croidhe brúit
do bheir sé sláinte mhór:
Sè cheanglas suas gu faicilleach
gach cneidh ta orr’ is leòn.
4 Na réulta lìonmhur áirmhar leis;
ga nainmachadh gu lèir.
5 Is mór ar Ndia, ’s is mòr a neart;
gun tomhas ar a chèill.
6 Togbhidh Jehobha suas gu dearbh
na daoine ciùin arìs:
Is leagfar leis na daoi le táir
gu lár ga nteilgeadh síos.
7 Sinnibh do Dhia Jehobha mór,
le buidheachas gu binn:
Sinnibh dar Ndiaine moladh àrd
air téud na cláirsigh ghrinn:
8 Noch fholchus neamh le nèulluibh tiugh,
ullmhuig~hidh sé fearthuinn fos
Don talamh: sè bheir air a nfhéur
bheth fás air slèibhtibh mòr.
9 Do nainmhidh ’s do gach beathach fiat
bheir eisean biadh gun dì:
Is do na fìachaibh óg’ maraon
a ghlaodhas ’giarraidh bìdh.
10 An neart a neich cho bhí a dhùil,
ge mór a lúdh ’s a threis’;
Cho ghabh sé tlachd a ngcosaibh fir
sheasmhas gu dìreach deas.
11 Ta Dia ag gabhail tlachd gu mòr
don dream da neagal è,
Chuirfas a ndóchas is a ndòigh
na thròcairsan gach rè.
12 Tab~hair moladh o Jerusalem,
do Dhia Jehobha mór,
Dod Dhiasa tabhair moladh fìor,
O Shioin mar is cóir.
13 Croinn-dhruididh fos do dhoirsi mòr
do neartuigh sè gu maith:
Do bheannuigh sè do shliochd gu léir
ad mheadhon fein astigh.
14 Sé chuirfas ann ad chríochaibh fos
sìoth agus sonas mór:
Sè ní le smior a chruithneachd ghloin
do shásughadh gu leòr.
15 Sé chuirfas àithn’ amach air tír,
ní bhriathar rith gu luath.
16 Bheir sneachd mar olann; sgaoilidh sè
an liath- reog~hadh mar an luaith.
17 Leic-oidhre teilgidh sè amach
mar ghreamanna nach gann;
Agus sa nfhuachd a rinneadh leis
cia fhèdas seasamh ann?
18 Cuirfidh se bhriathar mór amach,
is leaghar iad arís:
Ar séidfadh dhó le gaoith a nsin,
sruthidh na huisgead~ha síos.
19 Do Jacob ta sè foillsiughadh
a bhriathra fíorghlan naomhth’,
A statuin is a bhreitheamhnuis
do Israèl gu caomh.
20 Nior dheónuigh se a maitheas ùd
d’ aon fhineach tá fuidhn ghréin:
A bhreitheamhnuis nior b’aithnidh dhoibh.
Moluidh Jehobha tréun.
title | Salm CXXXXVII |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |