SALM CXLIX.
MOluidhsa Dia: is oran nuadh
sinnibh do Dhia gu caomh;
Sinnibh a mholadhsan gu binn
a ngcoimhthionol na naomh.
2 Bìodh Isral aoibhneach ann a Ndia
an tì do chruthuigh è:
Dèanadh clann Shioin gáirdeachas
na nRìgh ar feadh gach rè.
3 Is ann san damhsa tugadh iad
da ainmsan moladh binn:
A chliù le tiompain sinneadh iad,
is leis an chláirsigh ghrinn.
4 Oir ta Jehobha gabhail tlachd
na phobul díleas fein:
Do ní sé sgiamhach le na shláint’
na daoine séimh gu léir.
5 Bìodh air na daoinibh naomhth’ a nsin
úrghàirdeachas a nglòir:
Is ar a nleabuibh sinnadh iad
do Dhia le hiolach mór.
6 Gu rabh árd-chliù an Tighearna
gu dligheach ann na mbeul:
Is iona nláimhsan fos gu rabh
cloidhiomh dà fhaobhar géur.
7 Do chum gu déant’ air fineachaibh
lán-dioghaltas gu trom:
Is mar a ngcèdn’ air phoibleachaibh
smachdachadh goirt mar thoill.
8 Do chum gu déant an Ríghridhsan
a chur fuidh chuibhreach gèur,
Fuidh gheimhlibh teann do niaran chruaidh
a nuaisle mòr gu lèir.
9 Chum dioghaltas do chur a ngnìomh
ta sgríobht’ na fhocal ceart:
So cliù na mfìrenach gu lèir.
Moluidhsa Dia na mfeart.
title | Salm CXXXXIX |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |