SALM CL.
MOluidhsa Dia. Na theampul naomh
moluidhsa Dia gu mór:
A nspèuraibh árd a chumhachta
molaibh è mar is cóir.
2 Ar son a ghnìomhartha ro-thrèun
moluidhsa Dia gun cháird:
Do rèir a mhòrdhachd molaibh è,
’s a ghlòir atá ro-árd.
3 Le guth na gall-truimp’ mar a ngcèdn’
moluidhsa Dia gu binn:
Air clàirsigh sinnibh moladh dhó,
is air an tsaltuir ghrinn.
4 Le tiompain tugaibh moladh dhó
san damhsa mar a ngcédn’:
Le Organ togaibh suas a chliù,
’s le inneal ciúil na ndtèud.
5 Air Simbalibh ta labhar binn
moluidhsa Dia gun chàird:
Moluidhsa Dia air Simbalibh
ní toirm is fuaim ro-árd.
6 Gach uile dhùil sa mbith ta beo
ga bhfuil a ndeò na ncré,
Ard-mholadh iadsan Dia gu mòr.
Moluidh Jehobha trèun.
FINIS.
title | Salm CL |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |