SALM XVI.
DHia, coimhed me, os ionnad fèin
atá mo dhóigh gu fíor;
2 O manam, dubhairt tu re Dia,
is tù mo Thriath gu síor.
Mo mhaithas ort ni rigionn sè,
3 Acht ar na naomhaibh ’tà
Ar talmhuinn, ’s ar na flaithaibh fíor,
ga bhfuil mo ghean ’s mo ghrádh.
4 Mòrmhéaduighear a ndoilghios doibh
a dheithfrighas gu luath
Ar lorg dé eile choimhigh bhrèig’
ag cur re cràbhadh truadh:
An deoch-ìobairt atá do dhfuil
ni ofrailam gun cheist,
Is ar a nainmnaibh ann mo bhèul
ni thiobhram luadh a mfeast’.
5 Cuibhrionn mo chup’ is moighreachd Dia:
’stu sheasas damh mo chrann.
6 A náitaibh aoibhneach thuit mo líon:
leam oighreachd bhreágh’ nach gann.
7 Do bheiram buidheachas do Dhia,
thug comhairl ’orm a mfhèum:
Ta màirne fós a nam na hoidhch’
gam theagasg mar an gcèdn’.
8 Do chuiras romham, anns gach cùis,
an Tighearn’ mòr do ghná;
Os ar mo dheaslaimh gu bhfuil sé,
cho ghluaisfar me gu bráth.
9 Mo chroidh’ nì aoibhnas uime sin,
ni gáirdeachas mo ghlóir:
Nì mfheoil fos comhnuidh fhoistineach
le díon an dòchas mór.
10 Oir chean’ ni fhágann tu san uaigh
shíos manam ar én achd;
’Sni leigionn tú dod sheircin naomh
gu bhfaic se truailligheachd.
11 Dhamh sligh’ na beatha foillsig~hidh tú:
ad lát~hair lán aoibhnas ta,
Is ag do dheaslaimh fein a Dhè
mòr-shubhachas gu bráth.
title | Salm XVI |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |