SALM XVII.

EIsd thusa Thighearnris a chòir,
mo ghlaodh tab~hair aire dhò,
Is cluinn a nurnuigh thig amach
om bhèul gun bhrèug, gun ghó,
2 Mo bhreith o tfhiaghnais thigeadh ì:
led shùilaibh lérsineach,
Fèuch ar na neithaibh sin a Dhé,
ta ceart is comhthromach.

3 Dhearbh tu mo chroidh’, is dfiosruighis
sa noidhche, dfionn gu gèur,
Cho dfuair tu maoin: oir mo rùn
nach peacaighainn lem bhèul.
4 Fa thiomchioll oibridh dhaoine fos,
ghléidh me me fhein gu beachd,
Le guth do bhèil, O chèmanaibh
luchd braid is ragaireachd.



[22]

5 Cum mimtheachd suas aDhia na mfeart
ad shliththibh ceart gu trèun,
Ad chasan díreach cum me suas,
nach sleamhnuigh uam mo chèm.
6 Do ghairmas ort, a Dhè, fa chùis
gu nèisdfadh tusa riom;
Do chluas dom ionnsaidh crom a nuas,
is fos mo ghearan cluinn.

7 Taisbein do chaoimhnas iongantach
ta gràdhach lán do chlú,
Do shaorus le do dheaslaimh fein,
an drong dan dóchas thú,
On droing na naghaidh thogas ceann.
8 Acht coimhed me gu trèun
Mar chloich do shùl: dèan folach orm
fuidh sgáil do sgiatha fein.

9 On drochdhuinta re forneart orm,
O naimhdaibh manma trèun
Ata gam chuartachadh gach taobh,
mo choimhed orra dèan.
10 Na nsaill ata siad druidte suas,
cainnt uaibhreach ta na mbèul.
11 Chrom siad gu lár is dhearc le nsùil:
is chuartigh siad ar gcèm:

12 Mar leomhan gionach togarach
chum cobhartigh do ghná,
Mar leomhan òg an dìomhaireachd
ag luigh a mplaid atá.
13 Eirigh, a Dhè, is coisg mo nàmh,
leag síos gu talamh è:
On drochdhuinta na chloidhamh dhuit,
saor manam uaidh a Dhè.



[23]

14 On dream ta dhuitsa Dhè, mar láimh,
o dhaoinibh saoghalt dán,
Ga bhfuil a ngcuibhrionn is a ncuid
san bheathaidh so amháin.
Da bhfuil tu tabhairt làn a mbronn
as tulidh dhíomhair fòs:
Làn cloinnetaid, fuìghleach a maoin
fágbhuid dan leanbaibh óg.

15 Achd mise chean’, do dhearcam air
do ghnùis a bhfírentachd:
Ar mosgladh dhamh, lán díolfar me,
a Dhè, led chosamhlachd.

titleSalm XVII
internal date1694.0
display date1694
publication date1694
level
reference template

Sailm Dhaibhidh %p

parent textSailm Dhaibhidh
<< please select a word
<< please select a page