SALM XXVII.
SE Dia mo sholus. is mo shláint’,
cia chuireas eagal orm?
Sé neart mo bheatha Dia na ndùl,
cia chuirios faitchios fùm?
2 Mo naimhde, meascairde luchd uilc,
tra thánig orm gu bras,
Gu gionach dithe mfeola suas;
fuair tuisleadh, thuit gu cas.
3 Sluagh námhad ge do théisdeadh me,
ni heagal le mo chroidh’:
Da néirgheadh cogadh ’maghaidh fos,
as so mo bhun do ni.
4 Aon ni do mhiannuigh me o Dhia,
gu minic iarram è:
Do bheith am chomhnuidh feadh mo lá
an tigh ’san áros Dè;
Do chum gu bhfaicinn fein gu glan
maise Jehobha mhòir,
Gu bhfiosruighinn ’sgu bhfuighinn sgéul,
na theampull mar is còir.
5 Oir ni se mfolach ’nam na hairc
na phubul: dìon do nì
An diomhaireachd a phailuinn damh,
ar charraig socrionn mi.
6 Os cionn mo naimhde ta fam chuairt
nois togbhar suas mo cheann:
Glan ìobairt aoibhnais uime sin
ga phubul bheirthar leam:
Is sinnidh me gu togarach,
seadh, canfam fos gu binn
Ceol agus moladh àrd do Dhia
ar feadh mo rè smo linn.
7 Le guth mo bhéil tra éigham riot,
tab~hair èisteachd dhamh, a Dhé:
Le iochd déun tròcair’ orm is fòir,
gu grásmhur freagair me.
8 Iarr m’aghaidh, nuair a dubhrais riom,
a dubhairt manam leat,
Taghaidh, agus do ghnùis, a Dhé,
sin iarram fein gu hait.
9 Na folaigh uam do ghnúis, a mfeirg
na dìbair tóglach fein:
’Stu chuidigh leam, a Dhé mo shláint’,
na fágsa me ’sna tréig.
10 Tra thréigas m’athair me gu tur,
’smo mháthair fos faraon,
Do ni an Tighearn’ ann an sin
mo thogbhail suas gu caoin.
11 Dhia, teagaisg dhamh do shlighe fein:
is treoruigh mis a Dhé,
Fa chúis mo naimhde mìrunach,
ar casan dìreach rédh.
2 Do mhìrun meascairdeadh ro gheur
na tabhair thairis damh:
Oir d’éirigh riom luchd fiaghnuis bhréig
is dream a bhrúcas nimh.
13 Rachadh mo mheisneach uil’ ar gcúl,
mun’ gcreidfinn maithas Dé,
Gu bhfaicsinn sin a dtìr na mbeo
dom fhuasgladh ann am fhém.
14 Fuirigh gu foighidneach re Dia,
glac chugad meisneach mhòr,
Is bheir se spionnadh croidhe dhuit:
fuirigh re Dia na glòir’.
title | Salm XXVII |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |