SALM XXXVII.
LAsan no campar na biodh ort
fa dhaoinaibh aingidh olc,
Is na gabh formad ris an dream
do bhìos ag déanamh lochd.
2 Oir amhluidh mar is dual don fhèur,
glan-sgathar iad gu grad,
Is amhluidh mar na lusa mao
crìon-seargidh siad ar fad.
3 Cuirse do dhòchas ann an Dia,
is dèantar maitheas leat,
Mar sin síor- àitig~hidh tú an tír’,
’s beathuighear thù gu beachd.
4 Gabh tlachd an Dia, is bheir se dhuit
làn-rùn do chroidh’ a chaoidhch’.
5 Do shlighe tabhair suas do Dhia:
earb ris, is bheir gu crìch.
6 Foillsighidh sé do chóir ’s do cheart
mar sholus glan na ntrá,
Is amhluidh mar árd-mheadhon-laoi
do bhretheamhnas do ghná.
7 Gu sámhach fan re Dia na ndùl,
is feith le foighid leis:
An tí na shligh’ a shoirbhigheas,
na gabhsa formad ris;
Fa chùis an fhir do bheir gu buil
a dhrochbheart inntleachdach.
8 Leig corrigh dhìot, trèig fearg: chum uilc
na bíosa frineasach.
9 Oir drochdhaoin’ is luch déant an uilc
glan sgathar iad gu lèir:
Acht líon ga bhfuil an sùil re Dia,
buan-mhealidh siad an tìr.
10 Oir feth gu fòile re huair’ bhig’,
’s an droch-dhuin’ ni mbi ann:
’Sna ionad fòs, ma bheir fanear,
cho bhì è fèin no chlann.
11 Acht mealidh daoine sèimh a mfeast’
an tir ’s an talamh tí:
Lán-toileachadh do gheibh faraon,
an lìonmhuireachd na sìth.
12 Ta ’ndroch-dhuin’ cumadh lochd don tsaoi,
is casadh fhìacla ris.
13 Ni Dia air fanoid; os dò ’slèir
gur dlù air la a sgrios.
14 Na haingidh nochdfuidh siad an lann,
’s ag cur a mbogh’ ar ghlèus,
A leagadh aimbeartach is bochd,
’s a mharbhadh luchd deádh-bhéus.
15 A nccloidheamh thèid na ngcroidhe féin,
thèid ar a mbogha claoi.
16 ’Sfearr beagan aig an duine chòir,
no saidhbhreas mór na ndaoi.
17 Oir gáirdein luchd na haingidheachd
mionbhrisfar iad da ngcruas;
Acht daoine còir’ is fìreunidh
ni Dia an gconbhail suas.
18 Ar aimsiraibh na mfìrentadh
is fiosrach Dia gan cheist’:
A noighreachd is a mbunadh fòs,
doibh ’s marthanach a mfeast’.
19 Cho chuirear iad gu ruighadh gruaidh
san aimsir ghábhuidh olc:
Oir gheibhadar an sáth gu leòr
an láethibh gainn’ is gort’.
20 Acht sgriosfar droch-dhaoin’, naimhde Dè
do bhìd mar shaill na nuan:
Lán-mhilltar iad: is thèid dhoibh as
mar dheatach nach bhfuil buan.
21 An iasachd gabhaidh daoine daoi
’s cho dìol arìs ar ais;
An fìreun tá se tròcaireach,
is nìtar pailtas leis.
22 Oir mèad sa fuair a bheannachdsan,
síor-mhealidh siad an tír:
’S an dream do gheibh a mhallachdsan,
lom-sgriosfar iad gu léir.
23 Ta Dia ag stiobhradh cémana
an duine naomhtha chòir:
Is tá se gabhail tlachd is toil
da shlighesan gu mór.
24 Dan dtarladh dhó gu dtuitfeadh sè,
cho teilgfar uil’ é sìos:
Oir tá an Tighearn’ le na láimh
ga chonbhail suas arís.
25 Do bheith me òg, ’s anois an aois:
is riamh ni fhaca mi
a dhìbrachan an duine còir,
na shliochd ag iarruidh bìgh.
26 Sìor-thruacant’ é, is coinghiolach:
beannuight a shliochd atà.
27 Seachain an tolc, is déan an maith,
is comhnuidh gabh gu bráth.
28 Is toigh le Dia ceart bhreitheamhnas,
a naoimh cho tréig sé chaoidhch’,
Sìor-choimhdar iad: acht sgathar sìos
droch-shliochd na ndaoine daoi.
29 Mealaidh na fíreunidh an tìr;
is nìd buan-chomhnuidh innt’.
30 Thig béul an tsaoi ar gliocas glan,
a theang’ ar comhthrom cinnt’.
31 Ta lagh a Dhiasan ann na chroidh’:
cho sleamhnuigh uaidh a chém.
32 Ta ndroch-dhuin’ feithamh ar an tsaoi,
da mharbhadh is da théum.
33 Cho nfhág an Tighearn’ è na láimh
do dhèanamh air drochbheart,
Ni fhàgfar ris é ann a mbinn
tra chuirfar é fuidh cheart.
34 Feith thus’ ar Dhia, is gluais na ród,
is árdfuig~har leisin thú
An tìr gu mealfais: is droch-dhaoin’
ga nsgrios do chí do shùil.
35 An duine malluight chonnairc me
an neart, ’s a ninmhe mhòir,
Ga sgaoileadh féin amach mar chraoibh
ag fás gu dosrach úr.
36 Acht chuaidh sè thart, is fèuch ni raibh:
diarr, is nior fuaras è.
37 Amhairc is fèuch gur sìth is crìoch
don duine dhìreach réidh.
38 Acht sgriosfar luchd an easaontais,
is thèid doibh as faraon:
Dimhilltear agus sgathar sios
crìoch dheidhionach drochdhaoin’.
39 Acht furtachd fìor na mfìreun fós,
thig sin o Dhia na ndùl:
Is ann san aimsir thriobloidigh,
sè ’s barant ar an gcùl.
40 Thig treis’ is furtachd chuc’ o Dhia,
le fuasgladh an dèadh-am:
Iad saoridh sè o dhaoinaibh olc,
o chuir siad muinghin ann.
title | Salm XXXVII |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |