SALM XXXVIII.
O Thighearn’, ann do chorrigh mhòir
na cronigh me gu garg,
Na dèan mo smachdughadh gu gèur
an uair a lasas tfhearg.
2 Oir táid do shoighde goineach gèur
sàitht’ ionnam fèin gu teann:
Is orm atà do lámh gu trom,
gam chonbhail síos gach am.
3 Ni bhfuil maoin fallanachd am fheoil,
ar son do chorrigh ghèir’:
Am chnàmhaibh ni bhfuil tàmh no fois,
ar son mo pheacaidh fèin.
4 Oir chuaidh mo pheacaidh os mo chionn:
’tàid orm na neire throm.
5 Mo chréuchda ta ro lobhth’, is brèun,
mo ghòrigh ’s coireach riom,
6 Atàim gu cràiteach, easlan crom,
ag triall gach là le bròn.
7 Mo leasraidh lan do ghalar gránd:
gan fhallanachd am fheoil.
8 Taim lag is brúit’: ag bùireadh fòs
trìd mishuaimhneas mo chroidh’.
9 Ad tfiaghnais, Dhè, ta m’uile mhiann:
ni bhfolight’ ort mo chaoi.
10 Mo chroidh’ ata sìor phloscarnigh,
mo neart dfág me gu glan:
An dtaic’ re fradharc géur mo shùl,
sin agam fòs nior fhan.
11 Ta luchd mo ghaoil ’smo chàirdean caomh
ag seasamh fad om bhèim,
Mo chomharsain is luchd mo phàirt
ag teithadh uam a ngcèin.
12 Sealg orm atáid luchd iarraidh manm’:
luchd iarraidh m’uilc a ghná,
Ag labhairt neithe aimhleasach,
’s a smuaineadh ceilg’ gach là.
13 Acht mise chean’, mar bhoghar me,
nach ccluinnionn guth no sgéul;
Is cosmhuil me re duine balbh
gan chomas fosgladh bèil.
14 Mar sin mar dhuine mé nach gcluinn,
gan achmhasan na bhéul.
15 Oir dhearbas riot, a Dhé mo thriath:
Dhia, freagridh tus a mfhèm.
16 Oir, chum nach biodh ac’ aoibhnas orm,
a dubhras freagair mi:
Is orm nach biodh siad maoiseachtach,
mo chos tra sgriosas ì.
17 Oir sdlú chum claonidh mé, ’smo bhròn
am fhiaghnais tá do ghná.
18 Mo lochd do innsam, is fam chiont
mór-aithmheul orm atá.
19 Acht méad sa ta na naimhde dhamh,
’s ro bheathoil iad, is trèun;
Is luchd mo mhìruin égcorach
tàid lìonmhur mar an gcéudn’.
20 Siad sin is naimhde dhamh gu fíor,
luchd cùitigh maith le holc:
Ar son gu bhfuil me leanmhuin ar
an nì ta maith gun lochd.
21 Na tréig me, Thighearna:mo Dhia
na bìosa uam a ngcèin.
22 Dhia, deibhthrigh do mo chuideachadh,
os tu mo sláinte féin.
title | Salm XXXVIII |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |