SALM IV.
O Thusa Dhia ùd mionracais,
èisd riom tra èigham riot;
’Stu dhfuasguil orm is me an teinn,
fóir orm, is èisd mo scread.
2 Mo ghlóir ca fhad a chlann na ndaoin’,
chum náire chaochlaig~heas sibh?
Ag tabhairt gráidh do dhíomhaoineas,
is leanas brèagan ribh?
3 Biodh agaibh fios gur roghnuigh Dia
dhò fein an duine naomhth’:
Tra ègham ris, do bheirionn sé
sár èisdachd do mo ghlaodh.
4 Biodh eagal oirbh, sna déanaibh lochd:
ler gcroidhe labhraibh fein
Gu huaigneach air ar leabuidh, fos
bibh tostach mar an gcèdn’.
5 Deadh ìobairt thaitneach tugaibh uaibh
don ionracas do ghná,
’S ar dóchas cuiribh ann an Dia,
ag earbsa ris gach lá.
6 Ni maith cia nochdfas dùinn anois?
ta mòran ac ag rádh:
Acht dealradh glan do ghnùis, a Dhè,
tog oirnne suas do ghnà.
7 ’S mò chuir tu dhaoibhnas ann mo chroidh’,
nó nuair is lìonmhuìr coirc,
Nò, aca súd, is saidhbhre fíon
ag cinneachdin gun airc.
8 An síthchaimh luighidh me faraon,
is codlidh me le suain:
Os tus’ amhàin bheir dhamh, a Dhè,
fuidh dhìdean, comhnuidh bhuan.
title | Salm IV |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |