SALM XL.
D Feith me le foighid mhaith ar Dhia,
chrom chugam, d’éist mo ghuth.
2 Do thug sé a slochd uamhunn mè,
a clábar criadha tiugh,
Ar charraig chomhnard chuir mo chos,
mo chèm do shocruigh sé.
3 Is òran nuadh do chuir am bhéul,
gur bé sud moladh Dè:
Chí mòran é, fuidh eagal bìd,
is earbann siad a Dia.
4 Beannuight’ an duine sin gu dearbh
ní dóchas as an triath,
Is nach gabh tlachd no toil ar beith
do luchd an árdain mhoir,
No fòs don druing’ do théid a thaoibh
gu ceilg’, le saobhadh glòir.
5 Is líonmhur toibridh iongadach,
a Thighearn’ is a Dhé,
’S Do smuaintigh oirn’: ni áirfar iad
an órdugh dhuit gu ré:
Da ngcuirfinn iad a ngcéill gu mion,
no fòs gu ninnsinn iad,
A náireamh reachadh thar mo neart,
ag lìonmhuireachd is méad.
6 Ofrail ni miann no ìodhbairt leat,
do fhosgail tu mo chluas:
Lochd-ìodhbairt agus ìodhbairt loisg’
nior iarras duit chur suas.
7 An sin a dubhairt mise, féuch,
anois atàim ag teachd:
An rola ’nleabhair orms’ a chean’
sud sgríobhth’ atà gu beachd:
8 Se sud mo thlachd smo mhiann a Dhè,
do thoil gu dèanta leam:
Do reachd a chean’ atá gu buan
am chroidh’ a stigh, ’s am chom.
9 Ar tfìrentachd sa choinne mhòir
a Dhé do rinn me sgéul:
Oir féuch, a Dhé, mar ’s aithnigh dhuit,
nior choisg me fhéin mo bhèul.
10 Am chroidh’ nior fholaig~heas tfìrentachd,
ach tfìrinn chuir me ngcèill;
Do shláint’, ’s do chaoimhneas caomh, nior cheil
tfìrinn on tsluadh gu léir.
11 Do thròcair’ caomh na cumsa uam,
a Thighearna gu bráth,
Do chaoimhnas grádhach, tfìrinn fos
dom choimhed fèin do ghná.
12 Oir is doth-áireamh iad na huilc
ta ’g iathadh orm gach leth,
Mo pheacaidh, ghlac siad me gu teann,
nach seall me suas gu seth.
Os lìonmhuir’ iad no folt mo chinn,
do thréig mo chroidhe mé.
13 Dhia, gu ma toil leat furtachd orm:
grad chuidigh leam, a Dhè.
14 Biodh náir’ is amhluadh dhóibh faraon
do manam dhiarras claoi:
Ruaig orr’ ar ais, is ruighadh gruaidh,
ler b’áill mo chur gu dì.
15 Gun áird gun àiteach gu raibh siad,
mar thuarasdal da náir’,
A dubhairt riom gu fanoideach,
Aha, aha, a gáir’.
16 Aoibhnas is aigher do gach neach,
gad iarraidh fèin atà:
Is abradh siad ler dtoigh do shláint’,
Dia gu ma mòr do ghná.
17 Acht mis’ ge hainnis bochd atàim,
do smuaintig~hionn orm an triath:
M’ fhear cuidigh thu, ’s mo shlánuighoir;
maillis na dèan, a Dhia.
title | Salm XL |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |