SALM V.
DOm bhriathraibh, tabhair air’ a Dhé,
is beachduigh air mo smuain.
Eisd guth mo ghlaoidh, mo ríogh, ’smo Dhia,
oir guidham ort gu dián.
3 Mo ghuth do chluinntar leat a Dhè,
ar maidin gach aon là:
Gu moch do dhèanam urnaigh riot,
is dearcam ort do ghná.
4 Cho tus’ an Dia ler miann an tolc,
is lochd in chaidrann tù.
5 Cho seas an tamadan do làt~hair :
fuath leat luchd uilc nach fiù.
6 Do sgriosar leat luchd labhar tha bréig:
is gráin le Dia faraon
An duine fuilachtach, ’s an tí
chum cealgoireachd do chlaon.
7 Acht mise, tiocfam chum do theach,
thaoibh mèud do ghrása caomh:
Is ann a teagal adhram dhuit;
maghaidh red theampul naomhth’.
8 Fa chúis mo naimhde, treoruigh me,
ad cheartas naomh, a Dhé,
Is dèunsa romham ar gach ball
do chasan díreach ré.
9 Oir ni bhfuil cinnt no ceart na mbéul,
fìor aingidhachd ionnt’ atà:
An scornach fosgailt ac’ mar uaimh,
le miodal teanga tlá
10 Le ngcomhairlaibh leig tuitam dhoibh,
sgrios iad, a Dhé, na nlochd:
Na mbpeacaid~haibh líonmhur fuaduigh iad:
oir rinn siad ceannairc ort.
11 Ach aoibhnas ar gach neach gu raibh,
ni barrant’ dhíot na nairc:
Is dèanadh iad buan gháirdeachas,
o rinn tu dhoibh cultachd:
Biodh ionnad ait, na ghràidhgheas tainm.
12 Oir beannuig~heann tus, a Dhé,
An fíreun: ni tu le do ghrás
a chuartug~hadh , mar le sgé.
title | Salm V |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |