SALM LI.
DEan tròcair’ orm, a Dhia na ngrás,
gu hiochdmhur saorsa mis,
Réir lìonmhuireachd do thròcair’ chaoimh
glan as m’uil’ easaontas.
2 Gu hiomlan ionnuil me om lochd,
glan me om chiont’ ad ghrádh.
3 Oir ta me ’gadmhail measaontas,
’s lèr dhamh mo lochd do ghná.
4 Ad taghaidh, taghaidh fein amhain
do pheacuigh me gu trom,
Is ann a tfiaghnais fein, a Dhé,
an tolcsa rinneadh liom:
Do chum ar labhairt duit amach
gu mbiodh tu comhthromach,
’S gu mbiodh tu glan ’ntra bheir tu breith,
is ceart neamh-éugcorach.
5 An bpeacadh, fèuch, do dhealbhadh me,
agus an cionta fos
Do ghabh mo mháthair me na broinn,
’ntra ghineadh me o thus.
6 An taobh a st gh don chroidhe, féuch,
an fhìrinn ’s ìonmhuinn leat:
San ionad fholight’ bheir tu orm
gu tuig me gliocas ceart.
7 Le hìsoip dèunsa mise glan,
is bitham glan gu beachd.
Déan m’ionnlad fos, mar sin do bhím
na ’s gile dhuit no sneachd’.
8 Guth subhachais toir orm gu gcluinn
is fonn an aoibhnais ait,
Mar sin nìd gáirdeachas gu mòr
na cnàmha bhrisfadh leat.
9 Om pheacadh is om easaontas
foligh do ghnùis, a Dhé;
Mo sheachrain is muil’ éugcoir fós,
glan thusa uam gu rè.
10 Dhia cruthaigh ionnam croidhe glan;
athnuadhuigh spiorad ceart.
11 Na teilg od shealladh me; ’sna buin
do spiorad naomhtha leat.
12 Is aisig dhamh ùrghàirdeachas
do shláinte cháirdoil féin:
Is dèansa fos mo chonbhail suas,
led spiorad saor gu trèun.
13 ’N sin teagaisgam do shligh’, a Dhé,
don droing a bhris do reachd,
Mar sin le haithrigh pillfar riot
na peacaigh thruadh gu beachd.
14 O chionta fola saorsa me,
o Dhia, a Dhé mo shlàint’:
Sinnidh gu hárd ar tfìrentachd
mo theanga anns’ gach áit’.
15 Mo bhilidh ta ar druideadh suas,
fosgail, a Dhè, gan cháird;
An sin do mholadh le mo bhéul
cuirfar a ngcéill’ gu hárd.
16 Oir ìodhbairtadh ni hiarrunn tú,
sud bhérthuinn duit gach ré:
An ofrail loisge fos ar bith
ni bhfuil do thlachd a Dhé.
17 An spiorad briste tuirseach trom,
sud ìodhbairt Dhé na ndúl:
An croidhe briste brùit’, a Dhé,
le gràin ni ngcuir ar gcùl.
18 Ad dheadh-ghean déansa maith a Dhia
ar Sion do chnoc fèin:
Ballaidh Jerùsalem gu luath,
tog suas led láimh gu tréun.
19 ’Nsin taitnigh íodhbairt cheartais leat,
ofrail, ’s lán-ofrail loisg’:
’N sin bheirthar colpigh dhuitsa suas,
ar thaltoir naomh gach toisg’.
title | Salm LI |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |