SALM LII.
CReud as fa ndèan tu ghaisgigh thrèin,
uaill as an olc gu mór?
Mairfidh a bhfeast gan cheann gan chrìoch,
deadh-mhaitheas rígh na glòir.
2 Do theang’a dealbh an aimhleis chlaoin;
chum ceilg’ már ealtuin ghéur.
3 Is annsa leat an tolc no maith,
s brèug no briathra fìor.
4 A theanga chealgach, ’s ionmhuinn leat
gach briathar millteach olc.
5 Ni Dia gu siorruidh’ mar a ngcédn’
lán sgrios do tharruing ort,
Glan-sgathar thú, is as do theach
grad-spíonthar thù gu tur,
A talamh is a tìr na mbeo
buaintar do fhréimh a bun.
6 Do chi an fìreun, gabhaidh fiamh,
is nì se gàire fò,
7 Féuch, so an fear nach d’earb a Dia
mar dhaingneach is mar threoir;
Acht ann an lìonmhuireachd a stòir
a dhòchas chuir gu trèun,
Na shaidhbhreas is na olc gu beachd
do neartuigh sé è fein.
8 Acht mis’ mar úr-chrann ola bíom
an áros Dé do ghná:
Ag cur mo dhóchais ann na ghràs,
re fad mo ré ’s mo lá.
9 Gu sìoruidh suthainn molfam thù,
bhrìgh sud gud rinnadh leat:
Feitham ar thainms’, oir ta se maith
an lat~hair do naoimh gu beachd.
title | Salm LII |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |