SALM LIV.
TRìd thainmsa, teasairg mis, a Dhè,
cum comhthrom riom led neart.
2 Eist m’urnuigh’, toir fadear, a Dhé,
briathra mo bhéil gu ceart.
3 Oir d’éirigh coigrigh ’maghaidh suas’
luchd forneart ta gu géur
Ag iarraidh manma: riamh nior chuir
siad Dia fa ngcomhair féin.
4 Is féuch, se Dia ’s fear cuidigh leam,
dam sheasamh anns gach cás:
Bithidh Jehobha leis an droing
do chongmhas manam suas.
5 Olc do mo naimhdaibh dióghlaidh Dia:
ad tfìrinn déan a nsgath.
6 Gu toileach bheiram ìodhbairt dhuit:
Dhè molfam tainm, ta maith.
7 Oir rinn se saoirs’ is fuasgladh dhamh
om uile theinn gu tréun:
Ionnas gu bhfac mo shùil a miann,
ar m’eascairdibh gu léir.
title | Salm LIV |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |