SALM LVI.
DEan iochd orm, oir le duine b’áill
mo shlugadh suas, a Dhè:
Is è gan támh gam fhoireigneadh
ag cogadh riom, gach rè.
2 Is b’àill le meascairdaibh gach lá,
mo shlugadh sìos gan chàird:
’S ro lìonmhur iad ta cogadh riom,
o thus’ a rígh is áird’.
3 An láithaibh m’eagail, earbam riot.
4 An Dia àrdmolfidh mì
A bhriathar fein, is ann an Dia
mo dhóchas tréun do bhi,
Ni ngabham gealtachd uime sin,
’s a bhfeast ni heagal leam
Na dhfèdas feoil do dhèanamh orm
do lochd le iomairt theann.
5 Mo bhriàthra tàid a fiàradh fòs
gach là mar ’s toileach leo:
Chum doligh agus dochair dhamh,
ta ’nsmuaintighsan gach lò.
6 Atàid le chéil’ a cruinnughadh,
is iad ga bhfolach fein,
A feitheamh manma, ar bheith dhoibh
aig furachras mo chéim.
7 Gu saor an rachaid as mar sin
le ’négcoir mhòr gun tàmh?
A tfeirgsa leag a mpobul sìos,
a Thighearna led làimh.
8 Mo sheachrain air an àireamh leat,
ad bhuidal taisg mo dheoir:
Nach bhfuil siad ann do leabhar shíos,
ar chuimhne sgrìobht’ gach uair?
9 Mo naimhde rachaid ar an ais,
’n tra ghairam ort gu teann:
Is aithnigh dhamhsa so gu beachd,
oir Dia ata se leam.
10 An Dia a bhriathar molfidh me:
molfam a nDia a reachd.
11 An Dia do chuirfeadh leam gu trèun
mo dhóchas fein gu beachd,
Is ar a nádhbhar ud, a Dhé,
ni heagal idir leam
Na dhfèdas duin’ a dhéanamh orm,
nach bhfuil dheth fein acht fann.
12 Do mhòide ta siad orms’, a Dhè:
is íocfam dhuitse clù.
13 Oir manam bochd gu saor on bhás,
gu gràsmhur dhfuasgail thù:
Nach fuasgail thù mo chosa fòs
gun tuìsleadh dhoibh nì ’s mó?
Gu ngluaisfinn ann a bhfiaghnais Dè
an solus dhaoine beo.
title | Salm LVI |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |