SALM LX.

Do theilg tu sinne uait, a Dhia,
do sgaoil tu sinn ar fad,
Do bhí tu rinn a ngcorrigh ghèir,
pill rinn thu féin gu grad.
2 Chuir thusan talamh trom ar chrith;
is fos do bhrisis é:
lânigh a bhriseadh, oir gu beachd
ar creanachadh ta .

3 Do thaisbein thusa neithe cruaidh
don tsluagh is leat le cóir:
Fíon buaidhreasach chuir uamhunn oirn
thug thusa dhùinn renól.
4 Do thug tu bratach árd a Dhè
don druing dan eagal thú:
Do chum gu sgaoilte sud amach,
bhrì fírinn duit le clù.

5 O dhaoirsa chum gu saorthar leat
do phobul ionmhuinn fèin:
Eisd riom, is slánuigh me gu grad
led dheas-láimh láidir thréin.
6 Do labhair Dia na naomhthachd fèin,
biaidh aoibhnas orm nach gann:
Ar Sechem me roinn gu ceart,
gleann Sucot toimhsar leam.

7S leam Gilead le dlighe cheart,
Manasses leam gu beachd,
Se tréabh Ephraim neart mo chinn,
bheir Judamach mo reachd.



[102]

8 Ta Moab na potionnlaid dhamh,
teilgfam thar Edom ruaidh
Mo bhróg: is deárnam caithreim binn,
tar Phalestin le buaidh.

9 Cia bheir don chathair dhaingeann me?
s gu Edom bheir gu ceart?
10 Nach tus’, a Dhia, ler thrèigeadh sinn
s nach deachaidhmach ler bhfeachd
11 O thriobloid tabhair congnamh dhùinn
oirs dìomhain furtachd dhaoin’.
12 Tríd Dhia do sinn trébhantas:
se shaltras naimhde fùidhn’.

titleSalm LX
internal date1694.0
display date1694
publication date1694
level
reference template

Sailm Dhaibhidh %p

parent textSailm Dhaibhidh
<< please select a word
<< please select a page