SALM LXI.
RE glaodh mo ghearain éisd, a Dhè:
is m’urnuigh toir fadear.
2 O iomall talmhunn èighfam riot,
’s mo chroidhe trom fuidh smal:
Dhia, treoruigh chum na cairge mè
is àirde no me fhèin.
3 Bu tearmunn thú, ’sbu chaisteal damh
o meascairdibh gu lèir.
4 Ad phubul naomhtha nì me támh
gach aimsir is gach trà:
Mo dhòigh fuidh dhubhar sgàil do sgè
cuirfidh me fhèin gu blàth.
5 Oir chuala tus’, mo mhóide fos,
’s an gealladh do rinn mè:
Oighreachd na muinntir thug tu dhamh
dar neagal thainms’ a Dhé.
6 Buan-saoghal agus aimsir chian
bheir thus’ a Dhia don rìgh:
Mar iomadh ginolach is linn
a bhliadhnaidhsan do nì.
7 Mairfidh se buan a bhfiaghnais Dè
gu bunailteach ’s gu bràth:
Tròcair is fírinn deasigh dhó,
da choîmhedsan gach trá.
8 Mar sin gu síorruidh sinnam clù
do tainm ta uasal árd,
Mo mhòide naomh gu dìolfam riot,
o lo gu lò gan cháird.
title | Salm LXI |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |