SALM LXII.
LE foighidin ta manam bochd
feitheamh ar Dhia gu beachd:
San uaidh ta furtachd agus fóir
orm ar gach taobh a teachd.
2 ’Se ’mháin is carraig dhìdean damh
is mfurtachd è ro-dheas:
Mo thearmunn dìleas è faraon,
gu mòr ni ngluaisfar mis.
3 C’ fhad’ dhealbhar aimhleas leibh do neach?
lán-mharbhthar sibh gu beachd,
Mar bhall’ ar chrith, ’s mar ghàradh d’aom
ta leagadh oirbh ag teachd.
4 O onoir árd da theilgionn síos
ta ngcomhairl’ amháin a rith,
Se ’s miann leo brèug: beannachd nambèul,
acht mallachd an taobh ’stigh.
5 O manam, feith gu foighidneach
re Dia amháin mar chleachd:
Oir annsan ta mo mhuinghin thréun,
’s mo dhòchas fèin gu beachd.
6 Se ’mhain is carruig dhìleas damh,
’sé ’mhàin mo shláinte dheas:
Mo thearmunn daingean è faraon,
mar sin ní ngluaisfar mis.
7 Mo shláinte ta ’s mo ghlòir an Dia,
ris earbfam fèin do ghná;
Carraig mo neart, ’s mo thearmunn trèun
se Dia, gu buan ’s gu bráth.
8 O phobuil, cuiribh ann an Dia
bhur dóchas anns gach am,
Na fhiaghnais dòirtibh ’mach bhur croidh’:
se Dia ar tearmunn ann.
9 ’S nì dìomhain daoine beag gu fíor,
ta daoine mòr na mbréug:
Ar meidh ren tomhas, ’s édtruim’ iad
na dîomhainas fa chèud.
10 Na hearb a forneart, ’s na dèan uaill
a rebinn no drochbheart,
Na Socrigh fós do chroidh’ ar stór,
’ntra chinneas saidhbhreas leat.
11 Do labhair Dia aon uair amach:
sud chualas uair no dhó,
Gur leis an Dia ta cumhachdach
treis agus neart gach ló.
12 Tròcair’, a Thig~hearna , beanuidh dhuit
is gràsa mór faraon:
Oir bheir tu ’réir a ngnìomhthara,
a luighachd do gach aon.
title | Salm LXII |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |