SALM LXVI.

TOgaibh gach uile thìr gu hárd,
iolach do Dhia na ndùl.
2 Da ainm ro uasal sinnibh glòir:
ag tabhairt dhòsan clù.
3 Abruidh re Dia, cia huamhasach
gach beart do nìtar leat?
Oir gèillfidh dhuit do naimhde borb,
ar son gur mòr do neart.

4 Sléuchduidh gach uile thalamh dhuit,
ag iomradh ort gu binn:
Do tainm ro-uasal iongantach
níd moladh mór do sheinm.
5 Thigaibh ann so is amhaircaibh
ar oibribh gu géur:
Ta uathbhasach na ghnìomharthaibh
ar chloinn na ndaoingu léir.

6 Mar thalamh tirim rinn se ngcuan:
is trìd na nsroth bu luath
Chuaidh daoina ngcois, ann sin do bhì
sinn annsan ait le buaidh.
7 Le thrèun-neart riaghluidh se a chaoidhch’,
da shúilaibhsan is lèir
Na geintiligh: ’s na hárduighid
luchd easaontais iad féin.

8 O dhaoine, beannuighaibh ar nDia,
árdmholaidhsé gan chlos.
9 Se chum ar nanam beo, se bheir
nach corruighthear ar gcos.



[110]

10 Mar airgiod leaghta ghlan tu sinn:
s tu dhfidir sinn, a Dhê.
11 Chuir umain lìon: ar leasrigh chuir
fuidh dhòruinn is fuidh phèin.

12 Thug ar dhaoinibh marcachd oirn,
tríd tein’, is uisgdo chuaidh,
Arìs gu hionad saidhbhir
do thug tu sinn le buaidh.
13 Racham dod thigh le ofrail loisg’:
dhuit coimhlìonam mo mhòid,
14 Do ghealladh leam le fosgladh béil,
ntra bhi menèginn mhoir.

15 Don eallach reamhar, íodhbairt loisg
le tùis is saill na nreth;
Ofrail na mbó, sna ngabhar fós
do bheiram dhuit fa leth.
16 Tigaibh, is èisdigh so, gach neach
air an bhfuil eagal ,
Gach maith do rinn ar manam bochd
sud airisam gu .

17 Do ghlaodhas ris gu hárd lem bhéul:
lem theangaidh dhárduig~headh è.
18 Am chroidhda ntiobhrainn spéis don olc,
cho néisd an Tig~hearna .
19 Gu dearbh dèisd Dia riom: thug fadear
guth murnuigh na ndùl.
20 Moladh do Dhia, nar cheil a ghrás,
s mo ghuidhnior chuir ar gcúl.

titleSalm LXVI
internal date1694.0
display date1694
publication date1694
level
reference template

Sailm Dhaibhidh %p

parent textSailm Dhaibhidh
<< please select a word
<< please select a page