SALM LXIX.
O Teasairg mis’, a Dhé mo neart,
oir dhóirt na tuilteach orm,
Is thánig fós ar manam bochd
na huisgeacha le toirm.
2 An láthaich dhomhuin ta me nsás,
gun àit’ an seasfainn ann,
Le huisgaibh domhuin ghlacadh me,
is sruth dol thar mo cheann.
3 Tàim sgìdh lem ghlaodhaich; agus tá
mo scornach loisgt le tart:
Mo shùile ta ar fàillneachadh,
feitheamh air Dia na mfeart.
4 ’Slìonmhuir no folt mo chinn, luchd mfuath
gan chùis; ler b’àill mo chlaoidh
Ar bheith dhoibh dhamh gu hégcorach
na naimhde, trèun gach laoi:
An sin an nì nach tug me leam
d’aisig me uam gu beachd.
5 Dhia, ’s fiosrach thu ar m’amideachd,
ni bhfolight ort mo lochd.
6 Nàir’ ar mo sgàs’, a Dhè na leig,
o Thighearna na nslógh,
Ar neach ar bith don aitim úd
ta feitheamh ort gach lò:
An drong ud, o Dhia Israéil,
do iarrus thu gu seth
Na leigsa orra nàir’ a chaoidhch’
no masladh as mo leth.
7 Oir dfhuilnas masladh ar do sgà:
líonadh mo ghnùis le nàir’.
8 Dom bhràithribh is fear coigrigh me,
coimheach aig cloinn mo mhàt~har .
9 Le éud do theachs’ do shluigadh mé:
mèad sa bheir masladh dhuit,
Sann orms’ a nspreigadh sud gu lèir
gu lethtromach do thuit.
10 ’N tra rinn me gul, manam do throisg,
do mhasluigh iad mo ghníomh.
11 ’N tra chuir me umam édach saic,
ball magaidh rinneadh dhíom.
12 An droing do shuigheas ann sa gheat,
’s cùis comhraidh dhoibhsan mi:
Is aig luchd meisg’ re am a mpòit’
am òran dhoibh do bhi.
13 Acht mis, ta murnuigh riots’, a Dhè,
an uair is taitneach leat;
Eisd riom, a Dhé, tre méad do ghrás,
led chabhair fior gu ceart.
14 On làthaich saorsa mis, a Dhè,
chum fuídh nach rachuinn sìos:
O luchd mo mhìruin teasairg me,
’s o dhoimhneachd uisg’ aníos.
15 Na rachadh tharam tuilteach uisg’,
na sluigeadh doimhneachd mì,
An slochd na druideadh orms’ a bhéul
gu hiomlan chum mo chlaoidh.
16 Eisd riom, o Dhia, oir ’s maith do ghrás:
pill riom ad thrócair’ phailt.
17 Do ghnùis na ceil ar tòglach fein,
éisd riom gu luath: ’s mi nairc.
18 Re manam druid, is fuasgail è:
bhrígh meascaird’, déan mo dhìon.
19 Mo mhasladh, m’easonoir, ’s mo nàir’,
’s mo naimhde ’s léir dhuit fein.
20 Le toighbhém ta mo chroidhe brist’:
is me gu hiàrganach:
Diarr me luchd truas, is comhfhurtachd,
is dìbh ni mfuaras neach.
21 Mar bhiàdh do thug siad domlas damh,
chosg m’ìtaidh thug fìon-géur.
22 Mar ghoist’ gu raibh a mbórd: ’s mar rib,
an soirbheas sud gu léir.
23 Gan lèirsinn fág an suil’: do ghnà
an leasraigh cuir ar chrith.
24 Dòirt tfearg amach, ’s led chorrigh ghèir
glac iad gach uair sa mbith.
25 Mar fhásach biodh gun àiteach ann
a nionad tàmh ’s an teach,
Is ann na mpáluinnibh araon
na deàrnadh comhnuidh neach.
26 Oir leanadar le foireigneadh
an tì do bhuaileadh leat;
Is labhradar chum doilghios mhòr
don droing a rinn tu lot.
27 Cuir ciont’ ren aingidhachd, ’s na leig
ad cheartas iad a steach.
28 As leabhar fos na mbeò gu tur
sgriostar iad sud amach,
Is maille ris na fírenaibh
a bheanas duit gan cheist,
Is ann an áireamh dhaoine còir
nar sgrìobhthar iad a bhfeast.
29 Acht mise tàim gu hainnis bochd
is làn do bhròn faraon:
Togadh do shlàintsa mis an àird
a Dhé gu gràsmhur caoin.
30 Le hóran binn sìor-mholidh me
deadh-ainm mo Dhè gun cháird,
’Sa chlùsan fein sìor-thogbhar leam
le buidheachas gu hàrd.
31 ’Sfearr leis an Tighearn’ sud gu mór
no damh bhiodh adharcach,
No íodhbairt fos do bheireadh neach
do bhiorach crothanach.
32 Na daoine sèimh do chì siad so,
’s bíd aoibhnach ait’ gu leór:
Is biaidh bhur croidhsa beo gu bràth
ta ’giarraidh Dhia na glòir.
33 Re bochdaibh éisdidh Dia, ’s cho dèan
tàir ar a phríosunaich.
34 Neamh, muir, is tír, gu molfad é,
’s gach ní ta gluasachdach.
35 Oir bailte Juda togbhidh Dia,
is saorthar Sion leis,
Do chum gu mealfaid í gu buan,
ga hàiteachadh a mfeasd.
36 Do shliochd a sheirbhiseach gu fior,
sealbh dhìleas dhoibhsan í:
’S an dream do thug da ainmsan gràdh,
sior-chomhnuidh innt’ do nì.
title | Salm LXIX |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |