SALM LXXII.
DHia, tab~hair do bhreitheamhnas don rìgh,
is thfìrentachd da mhac.
2 Do bheir se ceart-bhreith ar do shluadh,
’s dod bhochdaibh còir na nairc.
3 Na slèibhte àrd do bheir amach
síthchain don tsluadh fa leth:
Sna tulaich bheaga, bhéaruid síth
le fírentachd gu seth.
4 Ar dhaoine bochd an phobuil fòs
do bheir se breith gu ceart,
Is clann na nainnis saoridh sê,
mìonbhrisfidh luchd forneart.
5 A mfeadh bhios grian is gealach ann
freasdal don lá ’s don oidhch’,
Biaidh teagal orrasan gu mór,
o linn gu linn a chaoidhch’.
6 Mar fhearthuinn air an fhèur bhios buaint
samhluidh do thig se nuas:
Mar fhraseachd duisgeachas a mfonn,
is amhluidh sin a ghrás,
7 Re a linnsan biaidh na fìrenidh
gu hùr a fás le bláth:
Sa mfeadh a bhios an ghealach ann,
biaidh síthchaint pailt do ghnà.
8 Biaidh uachdranachd aig mar a ngcèudn
o thuinn gu tuinn gu síor,
Is rigidh sud on abhuinn mhòir
gu hiomal crìch gach tìr.
9 Luchd comhnuidh fos a nfhásaich chruaidh
na fhiaghnais slèachdfaid dó;
A naimhde bithidh mar a ngcédn’
ag imligh úir gach lò.
10 Ríghridh Tharsis, ’s na noilean fós,
preasanta bheir siad uadh.
Bheir rìghridh Scèba, Séba fós
ofrala dhò gu luath.
11 Seadh, fos na fhiaghnais slèachdigh síos
gach rìgh ar talamh tá:
’S gach ginolach ar feadh gach tír,
dhó seirbhis níd do ghná.
12 An tainnis bochd gun chuidiughadh,
saoridh tra èigheas ris.
13 ’S nì acarachd re truaghan bochd,
is dìontar anam leis.
14 Se theasairgas a nanam fos
ar feill ’sar forneart ghèur:
Is ann na shùilaibhsan gun cheist
’s prìsoil a mfuil gu lèir.
15 Bithidh se beo gu marthanach,
òr Sheba bheirthar dhò:
Gná-urnuigh nìtar ar a shon,
is molfar é gach lò.
16 San talamh cuirthear dorlach síl
air bhar na nsliabh sna mbeann;
Is biaidh a thorradh trom ar crith
mar lebanon na ngcrann;
’S an dream ata san chathair mhòr
biaidh torradh orr’ is blà,
Gu líonmhur mar is dual do nfhèur
ar talamh fás atá.
17 Biaidh ainmsan buan gu suthain síor:
comh-mhairiont’ ris án ghrèin;
Is annsan beannuighthar gach slógh:
’s beannuighthar leo e fein.
18 Beannuigh gu raibh an Tig~hearna Dia,
Dia Israéil do ghná,
An tì amhàin ni mírbhuilte
le treis is neart a láimh.
19 Beannuight’ gu raibh gu síoruidh buan
ainm glórmhur uasal fein;
Lìonadh a ghlóir gach uile thír,
Amen, agus amèn.
title | Salm LXXII |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |