SALM LXXIV.
CRèud as far theilgis sinne uait
a nann gu bráth, a Dhe?
Is crèud re caoraibh tinaltridh
far las do chorrigh ghéur?
2 Cuimhnigh, a Dhe, do choimhthionol
do chosnadh leat o chéin;
Slat toighreachd, shaor tu, cnoc Shioin,
an raibh do chomhnuidh féin.
3 Is chum na mfàsach fada buan
do chosa tog gu grad:
Re mèad a nuilc do rinn do nàmh
ad theampul naomh ar fad.
4 Do naimhde rinn siad bèacadh borb
’measg coimhthionol do shluaigh:
Is chuir siad suas a mbratacha
mar chomhthar ar a mbuaidh.
5 Bu chlíutach neach mar dhéanta leis
a thuadh do thogbhail suas,
Ar chrannaibh árd bhì dosrach tiugh,
do chum an leagadh ’nuas.
6 Acht ’nois a nobair ghrábhuinn ghrinn,
le hòrd, ’sle tuaidh do bhris.
7 Na lasair dheirg do chuir siad suas
do theampul naomh ga sgrios.
Tigh-comhnuidh naomhtha tainmsa, Dhè,
do thruailleadar le táir,
Ga mhilleadh is ga leagadh síos
comhìsiol ris an lár.
8 Na ngcroidhe labhradar mar so,
sgriosamid iad le chéil’:
Gach Sinagog aig Dia san tír
do loisgeadh leo gu léir.
9 Ar ccomhartha ni fhaicamar,
fáidh ni bhfuil idir ann,
Ni mò ta neach nar measg comh-ghèur
dan lèir cia fhad’ an tam.
10 Cia fhad’ do bheir, o Dhia na ndúl,
na naimhde toighbhem uadh?
An tab~hair an námhaid bém a bhfeast
do tainmsa Dhia na nsluadh?
11 Crèud as far bhfillionn tu dó làmh,
do dheaslámh fein ar ais?
O buin amach od bhrollach ì
chum fuasgladh oirn gu cas.
12 Oir Dia na glòir’ ta neartmhar árd
o chian is se mo rígh,
A mbuilsgen talmhuinn le na neart
ag oibriug~hadh slàint’ is síth.
13 A nfhairge sgoilteadh leat led neart,
is cinn ro làidir chruaidh
Na ndragon bhrisfadh leat san uisg’,
ag tabhairt orra buaidh.
14 Cinn Lebhiátan ádhbhail mhóir
’s tu féin do bhris is phronn,
Is thug tu è mar bhiadh don tsluadh
do bhi san fhásach lom.
15 ’S tu sgoilt na tiobairt’ is an tuil:
’s tu thiormuigh aibhne mór.
16 Stu dheasuigh solus agas grian,
is leat a noidhch’, ’s an ló.
17 Crìocha na talmhuinn shocruigh tu:
do rinn tu nsamhradh teth,
Sa ngeimhreadh fos do rinneadh leat,
na naimsiribh fa leth.
18 Gu dtug na naimhde toighbhém uadh,
cuir sud ar chuimhn’, a Dhé,
’Sgu dtug an pobul amideach
do tainm ro uasal bèm.
19 Anam do cholum na toir suas
do chuideachd mhór na ndaoi:
Is coimhthionol do dheóridh bochd
na dearmaid iad a chaoidhch’.
20 Do chumhnant toir fadear, a Dhe:
oir àite dorch’ na tìr
Atá siad ar lán áiteachadh
le luchd an fhorneart ghéir.
21 Na pilltear ar an ais le náir’
na dfhuíling forneart goirt:
An drong ta ainnis aimbeartach
dearnadh siad moladh ort’.
22 Tog ort is èirigh suas, a Dhè,
tagair do chùis gu tréun:
Cuimhnigh mar ta an tamadan
gach là toirt dhuitse bém.
23 Na dearmaid guth na muinntir sin
na naimhde dhuit atà:
Ta bruidhann dhaoin’ a dèirigh riot,
sior-dhol a mèad-do ghnà.
title | Salm LXXIV |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |