SALM LXXVI.
ANn Judah aithnig~har Dia na mfeart:
’s mór ainm a Nísral naomh.
2 An Sàlem ta a phàilliun fos,
’s a thámh an Sion caomh.
3 Soighde an bhogha bhris se nsin,
an sgiath, sa ncloidheamh géur,
An comhrag is an cath faraon,
do bhriseadh leis gu trèun.
4 Is mò do mhòrdhalachd, a Dhè,
is mó gu mór do ghlóir
No beanntidh thog a ngceann gu hàrd
le cabhartach ro-mhór.
5 Do chreachadh luchd an chroidhe chalm,
do chodail iad le suain,
Na fir do bhì na ngcurraidh mhòr
an lámha fos ni ndfuair.
6 O thus is Dia do Jacob ann,
led achmhasan ’s led neart,
An carbad-cogidh is an teach
nan suain do chuireadh leat.
7 ’S cúis eagail thú, thu fein a Dhè:
cia neach a chasas riot.
No ann ad shealladh sheasfas suas
an uair bhios corrigh ort?
8 Do thug tu ar do bhreitheamhnas
o neamh gur chualadh è:
Bhi air an talamh eagal mòr
’s na thámh do bheithann sé.
9 ’Ntra dhèirigh Dia chum breitheamhnuis,
do theasairgin san am
Gach uile dhuine ciuin is sèimh
ar talamh do bhi ann.
10 Bheir fearg is corrigh dhaoin an sin
árdmholadh dhuit gu beachd:
Is fuighioll fos na feirge móir
làn-choisgidh tú led neart.
11 Geallaibh bhur mòid gu togarach
dar Dia Jehobha àrd;
Is coimhlíonuibh gu fírinnach
na gheallar leibh gun chàird:
Gach neach ata ma thiomchiollsan
tugadh siad dhò na am
Deadh-phreasant’ agus tiodhlacadh
don tí ’s cùis eagail ann.
12 Do ní se spiorad prionnsidh mòr
ghlan-sgathadh ast’ le neart:
Do ríghribh fos na talmhan tí
’s cùis eagail Rìgh na mfeart.
title | Salm LXXVI |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |