SALM LXXVII.
LEm ghuth do èigheas fein re Dia:
sann le mo ghuth gu hàrd
Re Dia do ghlaodh me, agus thug
sár-éisdeacht dhamh gun cháird.
2 An lá mo thriobloid d’iarr me Dia:
do shruth mo leòn gun sgur,
Re fad na hoidhch’: is manam truadh
sólas do dhiúlt gu tur.
3 Do chuimhnigh me ar Dhia an sin,
is bhìom an trìobloid ghéir:
Do rinn me gearan trom gun tàmh,
chlaoidheadh mo spiorad féin.
4 Chum tu mo shuil na faireachadh:
ta me comh-iarganach
Nach féud me focal cainnt no sgéul
labhairt lem bhéul amach.
5 An sin air làithibh fad o shoin
do bhí mo smuaintigh teachd,
Ar bliadhnaibh fos na haimsir chian
do smuaintigh mè le beachd.
6 Do chuimhnigh me mo cheòl san oidhch’:
’tàim cainnt rem chroidhe féin,
Do rinn mo spiorad fòs gun támh
le dìthchioll sgrùdadh géur.
7 An teilg an Tighearn’ uaidh gu bráth,
nach nochd se ghràdh ni smò?
8 ’Ndo sguir gu tur a ghrás a bhfeast?
’s a ghealladh fad gach lò?
9 ’Ndo dhearmuid Dia gu fírinnach
bhi gràsmhar caoin gu bràth?
’Ndo dhruid se suas na chorrigh mhòir
a thrócair’ chaomh do ghna?
10 An sin a dubhairt me gu dearbh,
gurb ì sud m’anmhuinn mhór;
Acht bliàdhnidh deaslàimh cuimhnigham
na tì is áirde glòir.
11 Gniomhartha Dè sior-mheomhrigham
mar rinneadh leis gach beart,
Is tiongantuis on aimsir chián
sìor chuimhnigham gu beachd.
12 Ar hoibraibhs’ uile mar a ngcèdn’
smuaintighidh me gu tric,
Is ar gach gnìomh do rinneadh leat
síor-labhridh me gu glic.
13 Do shlighe, ’ta sa nionad naomh,
O Thighearn’ is a Dhè:
Cia ’s coimeas ann a mèad re Dia
ata na Dhia dhùinn fein?
14 ’Stu ntì ta dèanamh iongantuis
a Thìghearna na mfeart,
Agus a measg a phobuil fòs
do thaisbein tu do neart.
15 Do shaoradh leat da nteasairgin
do phobul díleas fein,
Clann Jacob agus Joseph fòs,
led gháirden neartmhar trèun.
16 Chonnairc na huisgidh thus, a Dhè,
chonncadar thu gu beachd:
Do ghabh siad geilt; ar dhoimhneachd fòs
bhì mòran ogluidhachd.
17 Do dhóirt na nèulltidh uisg’ anuas,
bu ro-mhòr toirm na nspèur;
Do chuaidh do shoighde coranach
amach gu sgaiteach gèur.
17 ’Sna spèuraibh guth do thornanigh:
na dealanaigh gu tric
Don tsaoghal rinn siad solus glan,
an talamh ghluais is chlisc.
19 Do chasan ta sna huisgaibh mòr’,
do shlighe ta sa chuan:
Is lorg do chois’ cho naithnigh sinn
ta sud a mfolach uainn.
20 Is amhluidh mar gu beithann trèud,
do phobul stiùbhradh leat
Le deadh-làimh Mhaois is Aron fos,
ga ntreòrughadh gu ceart.
title | Salm LXXVII |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |