SALM LXXIX.
O Dhè, do thànig geintiligh
asteach ad toighreachd fein,
Thruaillig~hid do theampul naomh, is dfag
na torr Jerusalem.
2 Is thug siad cuirp do shearbhantadh
do dhèanlaith neamh mar bhiadh:
Is feoil do chaomh luchd muintir naomh,
do bheathachaibh an tslèibh.
3 Ma thimchioll fos Jerusalem
dhóirt siad a mfuil mar uisg’:
Is ni raibh neach da nadhlacadh
’s da ngcur san uaimh an taisg’.
4 Ball fanoid agus maslaidh sinn
dar ccomharsanaibh fein:
Cùis spórs is mhagidh do gach neach
a bhfuil mar ngcuairt gu lèir.
5 Cia fhada, bhethas corrigh ort,
A Dhé, a mbì gu bráth?
’Mbì héad ag losgadh rinn gu mòr
mar lasair theth do ghnà?
6 Do chorrigh air na geintlibh dòirt
ag nach bhfuil eolas ort,
Is air na rìoghachtaibh nach gairm
air hainms’ a Dhia na mfeart.
7 Oir mhill siad Jacob, fhàrdoch fos
na fàsach chuir siad sìos.
8 Na peacaidh fos do rinneamar
na cuimhnigh dhùinn arìs;
Tioncadh gu luath do thruacantas
rigeadh si oirn ma thrá:
Oir ’s dìblidh bochd anois ar staid
ag tuitam sìos gach là.
9 Dèan congnamh linn, o Dhé ar sláint’;
ar sgá glòir thainme fein;
Sgàth tainmsa saor sinn, agus glan
ar peacaidh uainn gu leir.
10 Créud as fa nabradh geintiligh,
ca bhfuil anois a Ndia?
Measg fineach ann ar sealladh fein
gu naithnig~hadh iad an triath,
Le déanamh orra dioghaltas,
oir dhóirteadh leo amach
Fuil neamhchiontach do shearbhanta
gu líonmhar iomarcach.
11 Osnaidh an phrìosunaigh gu dtig
ad tfiaghnais Dhé na mfeart;
’S an dream do dhòrduighadh chum báis
saorsa, rèir méad do neart.
12 Do ndruing ta dhúinn na ngcomharsnaich
na mbrollach dìol ma seach,
Gach masladh le ndo spreig siad thu,
pill orra fein ma sheachd.
13 Tréud hinaltridh, ’s do phobul sinn,
molfidh sinn thù do ghnà:
Is cuirfidh sinn os nàird do chliù
o linn gu linn gu bráth.
title | Salm LXXIX |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |