SALM LXXX.
EIsd, aodhair’ Israéil, ata
measg cherubin ad thámh,
Ler stiúbhrar Joseph caomh mar thrèud,
dealruighs’ amach ma thrá.
2 ’N lát~hair Ephraim, agns Benjamin,
agus Mhanasseh fòs,
Dùisgsa do chumhachd: agus thig
dar saoradh mar is nòs.
3 Pill sinn arìs, a Dhè na mfeart:
tog oirne suas gu hárd
Deadh-dhealradh glan do ghnùis anois,
is saorthar sinn gun chàird.
4 Cia fhad’, a Thighearna na nsluadh,
a lèanas corrigh riot
Re guidhe ghéur na muinntir sin
is pobul dìleas duit?
5 Do bheathuigh thu do phobul feìn
le aran déur is bróin:
Is tomhas pailt do thug tu dhoibh
do dhèuraibh goirt ren ól.
6 Do rinn tu sinn mar ádhbhar stríbh
dar ccomharsanaibh fein:
Nar nàdhbhar spórs’ is abhacais
dar neascairdibh gu léir.
7 Pill sinn arìs, o Dhè na slògh,
tog oirne suas gu hàrd
Deadh-dhealradh glan do ghnùis anois,
is saorthar sinn gun chàird.
8 Do thug tu fíneamhn as a Nèpht:
na geintligh theilg thu ’mach,
’S Do shuidhuigh thus a nfhíneamhn ùd
na nionad sùd ma nseach.
9 Rèitigh thu àite dhith: is thug
gur ghabh si frèimh gu teann,
Led bheannachadhs’, is líonadh lé
an tìr o cheann gu ceann.
10 Na cnoic ro àrd do dhfoligh sì
le sgàil ’s le dubhar fein:
A gèuga do bhí cinneachdain
mar Shédair bhreágha rèidh.
11 An dara taobh gu nuig an cuan
do chuir si ’mach a meoir,
An taobh ud eil’ a gèugan shín
gu nuig a nabhuinn mhòir.
12 A gáradh créud far bhriseadh leat:
ionnus gu bhfuil gach neach
Ga spíonadh ar a bhealach mhór
ag gabhail thart fa seach?
13 Ta ’ntorc a thig on choill’ amach
ga fásachadh gu léir,
Ta beathaich állt’ na machrach fos
ga slugadh suas le chèil.
14 Pill, guidhmaid ort, o Dhia na nsluadh:
is seall o neamh a nuas,
Fèuch, agus fiosruigh fein anois
a nfhíneamhnso le truas:
15 An gáradh fìon do phlanntuigh tú
le neart do làimhe deis:
’S an meanglan ùd do neartuigh thù
dhuit fein le lúdh is treis.
16 Le lasair theine loisgeadh ì,
is ghearradh í anuas:
Do mhilleadh agus sgriosadh iad
le achmhasan do ghnùis.
17 Air fear do dheasláimh fein a Dhé
gu rabh do lámh gu trèun:
Air mac an duin’, a rinneadh leat
a neartughadh dhuit fein.
18 Mar sin cho phill sinn uait arìs:
athbheodhuigh sinn gach ló,
Is goirfidh sinn air thainms’ an sin
a ngcion a bhìos sinn beo.
19 Pill sinn, o Thig~hearna Dhia na slógh,
is foillsigh fein gu hàrd
Deadh-dhealradh glan do ghnúis anois,
is saorthar sinn gun cháird.
title | Salm LXXX |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |