SALM LXXXII.
AN ccomhthionol na ntrèun do bhi
na sheasamh Dia na mfeart:
A measg na ndèe do bheir se breith
le comhthrom is le ceart.
2 Cia fhad do bheir sibh breitheamhnas
gu hègcorach ar chùis:
Toirt leth-bhreith leis na daoine daoi
ga meas a rèir a ngnùis?
3 Do dhaoine bochd ’s do dhílleachdaibh
dèanuibhsa dìon le ceart:
Is cumaibh còir riu sud do ghná
ta cráiteach bochd gun neart.
4 An tainnis lag ’s an deòridh truadh
síor-theasairgibh na bhfèim,
Déanuibh o láimh na naingidh fos
deadh-fhuasgladh dhoibh gu trèun.
5 Gun eòlas, is gun tuigse táid,
táid triall san dorch ar fad:
Ta bunaite na talmhan tí
ar gluasachd as an staid.
6 Dubhram, gur dée sibh: is gur mic
don tí is áird atann:
7 Ach tuitfe, ’s gheibh sibh bás mar dhaoin’,
’s mar aon do phrionnsuibh fann.
8 Dhia, éirigh, air an talamh déan
deadh-bhreitheamhnas gu grad:
Oir gabhidh tu mar oighreachd dhuit
na fineachan ar fad.
title | Salm LXXXII |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |