SALM LXXXV.
DO bhí tu grásmhur fabharach,
a Dhé, dod dhùthuigh fein:
Bruid Jacob thugadh leat arìs
ar ais led gháirden tréun.
2 Do mhaith tu ciont do phobail chaoimh:
dfoluigh thù ’nuile lochd.
3 Choisg tù do chorrigh uil’; is phill
on lasan do bhi ort.
4 Pill sinn’ arís, a Dhia ar slàint’,
is tog do lasan dhínn.
5 A mbì do chorrigh rinn gu bràth?
’s an sìntar tfearg gach linn?
6 Nach déantar leatsa Dhia na ngràs
arìs ar tabhairt beo:
Gu déanadh ionnad gàirdeachas
do phobul fein gach ló?
7 Taisbein do thròcair dhúinn anois,
a Thighearn’ is a Dhé:
Is deonuigh dhùinne tfurtachd fos,
’s do shláinte fein gach ré.
8 ’Nois éisdam ris an nì deir Dia:
labhruidh se sìth gu beachd
Re a phobul naomh; ’s na pilleadh siad
arìs re hamideachd.
9 Gu dearbh ta chabhair dlù don druing
da neagal é gu fìor,
Chum glóir do bhì na comhnuidh fos
gu bunailteach nar tìr.
10 Ta tròcair agus fírinn ghlan
ar còmhlachadh a chèil:
Ta ceartas agus sìthchain mhaith
ag pógadh bèul re bèul.
11 Is fàsidh as an talamh fos
fírinn aníos gu pailt:
Is seallidh ceart is fìrentachd
o neamh a nuas gun airc.
12 Faraon, do bheir Jehobha dhúinn
ni maith gu toirbheartach,
Is bheir ar fearann is ar fonn
deadh-thoradh trom amach.
13 Síor-ghluaisfidh ceart is fírentachd
na fhiaghnuisan gu rè:
Is sinn’ air sligh’ a chèmana
gu díreach stiùbhridh sè.
title | Salm LXXXV |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |