SALM XCIV.
O Dhia dar mbuin ceart-dioghaltas:
Jehobha neartmhur trèun,
Dar mbuin amháin ceart-dioghaltas,
gu dealrach nochd thu fein.
2 O bhreitheamh ceart na talmhan, déan
thu fein a thogbhail suas:
Is ìoc re luchd a nuaibhreachais
ceart-luaigheachd agus duais.
3 Cia fhad a nì luchd aingidhachd;
cia fhad, a Dhia, do nì
Luchd aingidhachd ùrgháirdeachas
le aoibhnas mór gun dì?
4 Cia fhad a bhrúchdar briáthra leò,
a teachd ar neithe cruaidh?
’Sa bheithas luchd na haingidhachd
re ràiteachas is uaill?
5 Bhris iad do shluadh gu mion, a Dhé,
is toighreachd chlaoidhd gu goirt.
6 Baintreabhach, coigridh, ’s dìlleachda,
ga marbhadh, is ga mort.
7 Deir siad gidheadh, cho lèir do Dhia:
is fos ni mò do nì
Dia Jacob sud a thab~hairt fa dear,
’s ni ngcuir a mfeasd a mprìs.
8 O dhaoine brùidoil measg a ntsluaidh,
nois tuigibh agaibh pfein,
Is amadain, cia fhad do bhìos
sibh gabhail chugaibh cèill.
9 An neach do chuir ar faillen cluas,
’mbí sè gun chlaisteachd ghèur?
An tí do dhealbh an tsúil faraon,
nach hann dò fein is lèir?
10 ’N tì smachduigheas na smeachan,
an neadh nach cronigh sé?
An tì bheir eólus do gach neach,
an neach gun eólus è?
11 Ar smuaintibh dhaoin’ is fiosrach Dia,
gur diomhain iad gu beachd.
12 Dhia, ’s beannuight’ iad a smachduig~har leat,
’theagaisgar as do reachd.
13 Chum fois gu dtugan tusa dhoibh
O làethibh amhghair olc,
Gu nuig a nuair a ttochaltar
do dhaoinibh daoi an slochd.
14 Oir Dia cho teilg se dheth a mfeasd
a phobul muinntireach:
’S ni mó no sin do thrèigar leis
’chaomh oighreachd charthanach.
15 Acht pillfidh breitheamhnas arís
re fírentachd ar ais:
Biaidh luchd a chroidhe thrèimhdhirich
ga leantuin sùd gu cas.
16 Anaghaidh fos luchd déant’ a nuilc
cia dhéirghios leam a náird?
Anaghaidh luchd na haingidhachd
cia sheasas ar mo phàirt?
17 Mar bithadh Dia Jehobha leam
gam chuidughadh le buaidh:
’S beg nach rabh manam bochd an tàmh
gu tostach ann san nuaidh.
18 ’Ntra dubhairt me, ata mo chos
ar sleamhnughadh uam síos:
Do rinn do thrócair caomh, a Dhè,
an sin mo chongbhail suas.
19 Ar bheth dom smuaintigh’ iomarcach,
is lìonmhur ann mo chom,
Do thug do chomhfhurtachda ’nsin
sólas do manam trom.
20 Aig cathair rìoghoil luchd a nuilc
a mbì comhchomunn leat,
Ta dealbh gu seólt a naimhleis mhòir
le statuin agus reachd?
21 Anaghaidh anma ’nfhìrein chòir
tàid cruinnughadh gu dlú:
Do fhágail ris fuil neamhchiontach
le breitheamhnas nach fiù.
22 Acht Dia mo dhaingneach se: mo Dhia
mo charruig díon gach lo.
23 Se dhíolfas orra sud ar ais
Gach égcoir rinneadh leo,
A nsgathadh síos do nìtar leis
gu ceart na naingid~hachd fein:
Is ní Jehobha mòr ar Ndia
a nsgathadh síos gu trèun.
title | Salm XCIV |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |