SALM XCVI.
CAnùibh don Tighearn’ òran nuadh,
gach aon tìr, canuibh dhò.
2 Sinnibh do Dhia; ainm beannuighibh:
nochdibh a shlàint’ gach lò.
3 A measg na mfineach geintileach
síor-thaisbeinibh a ghlòir:
A measg na mpoibleach innisibh
a mhírbhuilte ro-mhór.
4 Oir ’s mór Jehobha Dia na mfeart,
’s ionmholta feadh gach ré:
Is ádhbhar eagail é faraon
os cionn na nuile Dhée.
5 Oir ta siad, Dèe na ngeintileach,
na niodhola gu lèir:
Acht se Jehobha cruthuightheoir
na mflaitheas is na nspèur.
6 Ard-onoir agus mórdhalachd
na fhiaghnuisan atà:
Trèun-spionnadh agus maisolachd
na theampul naomhth’ a ghnà.
7 O fhineacha na mpoibleach mór,
tugaibh do Dhia na mfeart,
Tugaibh don Tighearn’ úd faraon
glòir uram agus neart.
8 An ghlóir is cubhaidh fos da ainm
don Tig~hearna tugaibh uaibh:
Thigibh ga chúirtibh naomhth’ a steach,
is tugaibh ofrail leibh.
9 Do Dhia Jehobha sléchdaibh síos
a mais’ a naomhthachd fein:
Biodh eagal oirbh, gach uile thìr,
na fhiaghnuisan gu lèir.
10 Abraibh ’measg fineach, gu bhfuil Dia
riaghladh mar rìgh gu beachd:
Buan-dhaingneochar an domhan leis:
ar dhaoinibh bheir breith cheart.
11 Biodh aoibhnas ar na neamhaibh àrd
is biodh an talamh ait:
Béacadh an cuan gu farumach,
’s gach lán atann gu pailt.
12 Biodh aoibhnas ar an mhachair fos,
is ar gach nì atann:
An sin biaidh aitas ar gach coill,
is ar gach craobh is crann.
13 An láthair Dhè; oir ta se teachd,
oir ta se teachd gu seth
Ar ttalamh chum gu déanta leis
ceart-bhreitheamhnas fa leth:
Le ceartas maith do bheir se ’mach
breith ar a chruinne ché,
Bheir ar a phobul breitheamhnas
le fírinn fîorghlan rè.
title | Salm XCVI |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |