SALM XCVII.

JEhobha mòr ta na rìgh,
biodh aitas ar gach tìr:
Sar oilenibh ta lìonmhur ann
biodh gáirdeachas gu léir.
2 Ta nèulla tiugh is dorchadas
fa thimchioll ar gach leth:
Ses comhnuidh fos da chathair-rìogh
deadh-chorum is ceart-bhreith.

3 Ta teine roimhe millteach mór
a gimtheachd ar gach áird,



[177]

Ler loisgfar suas gu lasarach
a naimhdesan fa ngcuairt.
4 Le solus glan a dhealanuigh
dhealruigh an cruinne :
Chonnairc àn talamh sud gu dearbh,
do chlisg is chriothnuigh .

5 Na cnuic, an láthair Dhia na ndùl,
do leagh siad as mar chèir:
Roimh ghnùis árd-rígh na talmhan ,
do leagh siad as gu léir.
6 Cuirfid na neamha cheart a ngcéill:
is chí gach sluadh a ghlòir.
7 Do íomhaig~hibh ghrábhaltmèadsa chrom
gu raibh dhoibh amhluadh mór,

Ta dèanamh bóst is ráiteachas
as iodholaibh nach fiù;
Gach uile Dhée a bhfuil sibh ann,
slèachdibh do Dhia na ndúl.
8 Do bhi ar Sion aoibhnas mór
sa nuair a chual é,
Rinn ingheinJùda gàirdeachas:
fad bhreitheamhnais a Dhè.

9 Oir tu, Dhia Jehobha, árd
os cionn gach uile thír:
tu ar hàrdughadh gu mòr,
os cionn gach dia gu lèir.
10 Sibhse ler nionmhuin Dia gu caomh,
fuathuighibh olc a chaoidhch’;
Anam a naomh síor-choimhdidh se:
saoridh o láimh na ndaoi.

11 Cuirfar mar phòr gu frasach pailt
solus do nfhírenach:



[178]

Is aoibhnas fos, don druing atá
na ngcroidhe trèimhdhíreach.
12 Biodh aitas oirbh an Dia na glóir,
O fhìreuna gu lèir:
Is tugaibh buidheachas do Dhia,
re cuimhna naomhthachd fein.

titleSalm XCVII
internal date1694.0
display date1694
publication date1694
level
reference template

Sailm Dhaibhidh %p

parent textSailm Dhaibhidh
<< please select a word
<< please select a page