SALM XCVIII.
O Sinnibh òran nuadh do Dhia
’rinn bearta mìrbhuilteach:
Sí dheaslàmh fein ’sa gháirden naomh,
thug dhósan buaidh amach.
2 Do thaisbein Dia gu follasach
’fhurtachd sa shláinte mhòr:
A bhfiaghnuis geintlach dfoillsighse
’fhìrentachd fein gu leòr.
3 Chuimhnigh se fhírinn is a ghràs
do theaghlach Israèil:
Is slàint’ ar Ndia do choncadar
gach iomall tìr gu lèir.
4 Do Dhia Jehobha togaibh suas
àrd-iolach ait, gach tìr;
Togaibh bhur guth: biobh subhach fos
is sinnibh moladh fíor.
5 Do Dhia Jehobha mór na mfeart
sinnibh ar chlàirsigh ghrinn:
Le cláirsigh (deiram) sinnibh dho,
le guth na nsalm gu binn.
6 Le fuaim an tormain sinnibh dhó,
’s le guth na trompait àird:
Do Dhia an tárd-rígh sinnibh fos,
le iolach ait gun cháird.
7 Bèacadh a nfhairge mhòr gu borb,
’s an làn atann le chèil.
An domhan, is gach dùil ata
a ngcomhnuidh ann gu léir.
8 Buaileadh na tuillte mhòr a mbos’;
’s na sléibhte biodh siad ait.
9 An làthair Dhé, oir tà se teachd
ar talmhain thabhairt ceart:
Le ceartas maith do bheir se ’mach
breith ar an chruinne chè,
Bheir ar a phobul breitheamhnas
le corum fíorghlan rè.
title | Salm XCVIII |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |