[13]

I. LON.

Tha mi agairmur n-aire a chum an ni so, anns a cheud ait, airson gur e ceud ni feumail na beatha e, agus airson gum faod sinn gu h-iomchuidh, gun bhi buailteach do chuir dad sam bith as ar leth de gheocaireachd, sinn fein a chleachdadh ann an cosnadh a bheathachaidh sin air am bheil n-ar slaint, ’s eadh, n-ar dearbh bheath, an crochadh. Faodaidhbhi gur e an doigh as fearr gu mineachadh mu lon, sealltuin ris na cearnaidhean ud, anns am bheil ri fhaotainn an luchd-cosnaidh as treise agus as saothraicheile; agus air a phuinc so, chan urrar dearbhadh nis fearr a thoirt na meud agus cumhachd ar caochladh Reisimeidean Feachd-duthcha, a chionn gum bheil na Reisimeidean so uile air an cuir suas le crann-thilgeadh, anns na caochladh chearnaidhean no shiorramachdan air leth, gun choimheasgadh le gach a cheile, agus is ni aithnichte an fheadh a ta Feachd-duthcha Mhiddle-secs air a deanamh suas de dhaoine meanbh, tha iadsan bho Shiorramachdan Obareun agus Lanca acuibhrigeadh nis mo de thalamh, agus uime-sin tha iad nis farsuinnsa chliabh, agus nis treise na Reisimeid sam bith eilesan t-seirbhis.

Ma rannsaicheas sinn, a reisd, lon nan Siorramachdan deireannach so, agus gum faigh sinn a mach gum bheil a chuid as mo dheth de mhin choirc, bainne, ’us de bhuntata, tha miga mheas mar fhirinn do-aicheadh, gur iad min choirc, bainne, agus buntata ann an tomhasan-freagarach na nithe a sbeathachailesas slainteile de lon dhaoine.

Gun amharus than duine, ann a staid shiobhalta* na bhith a tha de ghnathan mhi-nadurach, agus gu tric fo chaithe-beatha mhi-nadurach aruigheachd air araon slaint agus beath fhada. Ach an uair a sheallas sinn ri aimrideachd, meud agus aogais ar n-ard-uaislean a tha air am beathachadhsa chumantas air feoil air a h-ard spisreadh, tha e gu soilleir afeuchainn nach h-urrainn doibh, leis na h-uile cothrom a tha beartas acuirn an comas, teachd a suas ann an neart cuirp riu-san a ta cleachdte ri lon nis simplidh.

Gu dearbh, ’sa ta neart cuirp ar sinnsearan, don robh an lon ach gannan coimeas ris na tha a nis air a mhealtuinn, afeuchainn nacheil sinn cho mor an eisimeil na stamaicsa tha iomadh acreidsinn; gidheadh chaneil mi idir toilichte leis

* Rianail, riaghailteach.

[14]
[15]

an lon ris am bheil sibhse air n- ’ur cumail agus tha e tur iomchuidh gun deanadh sibh n- ’ur dichioll, gun sibh-fein a dheanamh nur traillean dour n-ana-mhiannan, gu ruigsinn air lon, chane mhain beathachail ach fos taitneach do na bhlas; oir tha iomadh dheur n-easlaintean ag eiridh bho laigse na stamaic, agus tha so gu cumanta air aobhrachadh le easbhuidh caochladh lon beothachaidh gu leoir.

Nan robh mise air an aobhar sin gu comharrachadhmach n- ’ur lon, mholainn dhuibh lit le bainne, no treacle, no leann airsonur biadh-maidne, aran coirc us buntata airson diatmhoir, agus buntata no brochan le uinneanan, garlic no creamh, no peabar airsonur suipeir, agus an leithide sin chan fhaod san la so a bhi air am meas ailgheasach: Gidheadh ann an ainmeachadh earrainnean araidhur loin feumar a chuimhneachadh gum bheil iomadh leasachaidheanus ath-arrachaidhean beaga a thanur comas a dheanamh a tha chanemhain taitneach ach slainteil. Tha iasg, a bha anns na h-uile linn air a mheas na ailgheas, gu cumantanur comas ruigsinn air, agus is luachmhor an leasachadh e. Faodaidh uibhean, eoin, im, cais, mil, muicfheoil, muiltfheoil, agus mairtfheoil a bhi le toigh an drasdsa risdan comas gach neach aig am bheil eadhon mir gle bheag a dhfhearuinn ri aitheachadh. Cha mho bu choir toradh lis a bhi air a dhi-chuimhneachadh: Oir ged dhfhaodadh nach burradh gu leoir de mhin choircus de bhuntatabhi ann gu teaghlach uilechumailn aird, tha mi cinnteach, le deagh riaghladh air na urrar fhaighinn dhiubh sin, gum bu choir do thoradh an lis easbhuidh sam bith a dheanamhn aird. Cia iomadh trath bidhe ghasda, (airson eisimpleir) a dhfhaodar fhaighinn bho chal geal air a bhruichs air a phronnadh min, ’sair a chrathadh thairis le salainnus peabar, maille ri lan an duirn de mhin, no sliseag mhuicfheoil. Thoiribh fainear a chosd; —Min, bonn-a- sia, peabair fairdin; salainn fairdin; cairteal a phuind de mhuicfheoil ma shaillear aig an dachaidh i, tri fairdin, cal bho n- ’ur lis fein, burn bho nur tobar fein, agus moine bho n- ’ur mointeach fein a mhain airson a gearradh. An so ma ta tha deagh shuipeir airson teaghlach uile, ’s na chosdas i a dhairgiod chan urraebhi os ceann tri boinn-a- sia, aig a chuid as mo, ni a dhfhaodas aon de n- ’ur clainn, ag oibir airson tri sgillinnsan la, re thri laitheansan t-seachduin, a chosnadh gun ghairm airson cobhair nam paraintean. Gu dearbh tha uinneananus garlic gle luachmhor, agus tha

[16]
[17]

sluagh Uales agus na Spainn, a tha acaitheamh pailteas dhiubh, comharraichte airson an coslas laidir agus slainteil.

A thaobh dibhe chan urraamharus a bhi nach e burn, fionar ceud sinnsir, as fallaine de na h-uile. Faodaidh leann neach a dheanamh reamhar, agus ann an cor sgios no mhor laigse faodaidh uisge-beatha saorsa ghoirid a thoirt, ach fhadsa tha millionan de na chinneadh dhaoine air tuiteam nan iobairt do mhisg, agus do ghalaran a bha air an aobharachadh le cus oil de dheochan laidir, tha burn no uisg aseilbheachadh glainead a tha chane a mhain abacadh, ach gu minig a leigheas iomadh de ghalairean a thoisich a cheana, agus tha e air a lan-dhearbhadh gun aisig glainne bhuirnblath neach lag sgith gu neartus beothalachd nis fearr na deochan laidir beothachaidh. Gun teagamh faodaidh deochan teinteach a bhi air an ainmeachadh puision; agus ged tha am Freasdal, ann a chaoimhneas, cuid a dhuairean adeanamh fonn-cuirp a mhisgeadair comasach air seasamhan aghaidh ionnsuidhean air e-fein a mhurtadh, agus eadhon gu sineadh a bheath gu sean aois, gidheadh gu cinnteach chan iad aoissa shlaint toradh a mhi-stuamachd: cha mho bu choir dhuinn earbsa cho mor a chuir ann am buaidh neartachaidh dheochan laidir na brachasa tha n-ar coimhearsnaich Shasuinneach acuir annta; oir a dhaindheoin an cleachdaidhean gniomhach agus an ard mhisneach ann am buadhachadh air amlaidhean chaneil min amharus nach e an Swiss no an Gaidheal as freagairiche gu buan-sgios fhulang na an Lunnainneach as fearr a thair a bheathachadh. Thug ar Gaidheil chruadalach air bhochd arach dearbhachd neo-dhona air so anns a chogadh Pheninsularach, agus tha mi asmuaineachadh gum bann re teicheadh Chounnas an Spainn a bha cuid de na Reisimeidean Gaidhealach, ann an dol a Seachad air ceudan de shaighdearan Sasuinneach a bha abasachadh air an rathad le fannachd, agearan gu truasail gum biodh easbhuidh maraigean na aobhar don crioch thruagh. Mar eisempleir as taitniche faodaidh mi a luaidh gun do leig an Sasuinneach, a ghabh os laimh Drochaid Chonain a thogail, ris dhomh mun iongantas a bhair ri dichioll mhuinntir an aite a dhoibrich dha, agus air dha ghabhail os laimh Canal a chladhachan Sasuinn gun do thuarasdlaich e

[18]
[19]

mu fhichead dhiubh gu dhol maille ris don taobh deas. Dheirich caochladh dheasboireachdan eadar iadus muinntir an aite, agus bha iomadh beum air a thoirt dhoibh a thaobh an lon (aranus bainne) air an robh iad toilichtebhi beo, acaomhnadh a chuid bu mho de na choisinn iad gu thoirt dhachaidh gun cairdeansan teaghlaichean.

Gu stad a chuir air an aimhreit so, chaidh a shuidheachadh geall suim mhoir airgid a chuir nach burrainn do dha-fhear-dheug de na Gaidheil aireamh air leith de shlatan a chladhachsan aon uinsan cladhaicheadh an aireamh cheudna de na Sasuinneach, bfhear a bhair am biadhadh an aireamh cheudna de shlatan. Air do gach nibhi suidhichte bha bord air a chuibhrigeadh le feoilus leann airson an dara phairtidh, ach aig a phairtidh eile cha robh ullachadh sam bith airson urachaidh ach soitheach de bhuirn fuar: Gidheadh an deigh la throm oibir bha a bhuaidh aig na Gaidheil, agus an fheadh a bha na Sasuinnich tur fann le trom oibir, bha na Gaidheil gu smiorail adannsadh ri an ceol dhuthchasach mar chomh arradh air am buaidh.

Tha mitoirt nan eisempleirean so gu dhearbhadh nacheil an neart a tha feumail airson oibir an crochadh air biadh soghail, ach gidheadh tha pailteas de lon simplidh beathachail gu gle fheumail a chum n-ar cumail suas, agus gu so a dheanamh cinnteach, tha moran annur comas fein. Chan urrainn duine air bithna dheagh shlaint maille ribhse a bhi dheasbhuidh nan nithe feumail airson lon fallain, ma ni e uiread ri dichioll chuibheasach gun cosnadh, —agusnuair a tha mi acluinntinn nan gearainean a thair an deanamh gach earrach leibh-se uile air easbhuidh leoir loin gu cumail taic ri n’ -ur neart ann an oibrichean cumanta, agus afaicinn an neo-churam leis am bheil sibh ag ullachadh air chinn ath-thachairt an leithid a dhuilc, tha migaideachadh gum bheil mo thruas airsonur cor cuid a dhuairean air lagachadh: Oirs urrainn fear sam bith a chleachdas e-fein gu dichiollach annur suidheachad-sa le pailteas de dhfhearuinn bhan aig iarrtas agus air mhal gle bheag an deigh 3 no 4 bhliadhnachan de shaothar, a bhi aige iomadh cofhurt a tha an tras neo-aithnichte dhuibh. Chaneil mi alabhairt gu baraileach. Tha e gach la air a dhearbhadh ann an uile earrainnean deas Albainn, ann an duthaich Obareun, agus air machraichean Bhainf, Mhoraidh, Inbherneis, agus eadhon annur duthaich fein, Ross, far am bheil a Mhaoile-bhuidhe, a bha roimh lom, a nis atoirt a mach comhfhurtan do a luchd-aitich dhichiollach. Tha micuimhneachadh air dhomh a dhol a steach do thigh comhnuidh fear-oibrenam oibir fein air earrainn air leth den Oighreachd so,

[20]
[21]

n uair a bha min gu gann ri fhaighinn, agus be cheud ni a thaisbean dhomh, a chlann aruith mun cuairt le lan an duirn de mhin a thug iad as a phoc a fhuair e an la roimh sin ann am paidheadh airson an oibir a bha e gu dheanamh. An so, ma ta, bha uireasbhuidh an cois ana-barr ana-caitheimh; oir bha a chlann acaitheamh lon a bha mar sud neo-fhallan, ni le gle bheag deasachaidh a dhfhaodadh a bhi air a dheanamh beathachailsan tomhas a bairde; oir dheanadh leth an tomhais mhinamh a chaith iad-san gun bhi sasaichte, le dheasachadh gu toigheach biadh-maidne chofhurtach don teaghlach uile.

Gun dhol a steach do mhion labhairt air cocaireachd, ni theagamh nach biodh cho chumanta air a thuigsinn, faodaidh miluaidh gum bheil mhin choirc, air a gnathachadh mar bhrochan no lit nis beathachailagus nis caontaichnan uair a tha i air a fuineadh na bannaich; agus gun toir saluinn uinneanan, seibheas, no pairslie, agus beagan peabar dubh leur buntata no cal air a phronnadh, chanemhain blas gle thaitneach, ach gum bac e gaoth cuime agus na h-easlaintean ud a thageiridh bho chus cleachdaidh loin luibheach, am feadh bu choirur n- ’imsa chuid as reamhra de n- ’ur muic-fheoil a bhi air an gleidheadh airson an cuir thairis air buntata proinnte air a chaoineachadh fa chomhair an teine, agus na seorsan uisgidh de iasg a dhithear ur a rostadh ann an aghann, oir ma bhruichear iad cha bhi iad cho beathachail. Tha feoil air a h-ith fear nis neo-chaontaich nanuair a dhithear teth i, agus ma nithear brot no eanaraich dhi theid i da chuairt cho fada agus dearbhas i a bhi nis beathaicheil na le bhi air a rostadh, &c. Tha na h-uile bhrotan, stobhan, ’us feoil phroinnt; air am measgadh le luibheansair an deanamh blasda cubhraidh le pairslie, seibheas no uinneanan, salainnus peabar, nis fearr, nis saora, agus nis solasaiche airson fear-oibrich no iasgair na tha feoil air dhoigh eile. Ma bhitheasur n- ’iasg truisg saillte, ’s fhearr dhuibh a dheanamh n aird air a phronnadhsair a mheasgadh le buntata, uinneanan, no seibheas, ’us peabar, na ith air a bhruichleis-fein: no mas urrar beagan blonaig no ime a sheachaineadh, agus a mheasgadhn aird leis, agus a chumail fa chomhair an teine gus am bi e donn air an taobh muigh, gheibh sibh e gu mor nis fearr. ’Nuair a dhithear iasg geal air bith ur, bu choir e bhi air a ghlanadhsair a chutadh gu maith, air a ghearradh na mhireansair a chuir sa phoit, air a chuibhrigeadh thairis le burn agus beagan buntata sgribte no ruisgte, tearc de dhuilleagan pairs-

[22]
[23]

lie, seibheas no uinneanan air am pronnadh min, agus peabarus salainn; agus fhadsa bhios egoil, an sgum a thoirt gu toigheach dheth gus am bi e tur glan. Isgasdam biadh e so, agus air ith comhlari aran coirc ni e deagh shuipeir: ach bhiodh a leth air chall nan robh an t-iasg air a bhruichleis-fein. ’Se jam de dhearcan dubh lis an aon sogh a mholainn dhuibh, agus tha miga luaidh a chionn gum faod sibh le meas bho n- ’ur lios fein 4 puind dheth a dheanamh le 3 puind shiucair donn aig 6 sgillin am pund, agus a chionn gum bheil e, chanemhain feumail airson amhaichean goirt agus teasaichean, ach gum faod e bhi na chuirm do na chlann, agus am misneachadh gu cosnadh uireadsa cheannaicheas an siucar. Mar so ionnsuichidh iad gu moch gum bheil saothar a ghna atoirtna coisa duais fein.

Ciod-sam-bith doigh an deasaichearur biadh, biodh an aire as mo air a thoirt do ghlainead, oir da easbhuidh bithidh am biadh as fearr air a dheanamh mi-fhallan. Bu choir a bhean-tighas neo-sgilear a bhi air a deanamh fiosrach air an tur fheum a tha airson pailteas buirn ura chleachdadh ann an glanadh nan soithichean agus nan innealan cocaireachd; oir air a phuinc so chan urrainn ibhi ro ghrinn, —agus bu tric a thainig en am inntinn gum bheil snuadhan aogaidh iomadh osruthadh cho mor bho easbhuidh toigh, sgil, ’us glaine ann an deasachadh a bhidhesa tha bho thur uireasbhuidh nan nithe feumail beatha fein. Chaneil ach aon bheachd eile ag eirigh dhomh air a phuinc so: tha miciallachadh ullachadh leis am faod nithe feumail na beathabhi air am faighinn ann an sean aois, ’n uair a bhagras uireasbhuidh ro thric an cosnach ann a h-uile uamhasan. Gu ullachadh air chinn cor cho truagh rinn an Comuinn Gaidhlach follaiseach cloir-innsidh fhior cheart a thaa dearbhadh, le duine do phaidheadh suim 8 puind Shasuinneach, 10 tastain, ’us 9 sgillinn, aig aois 28 bliadhna, gum bi aige coir air 10 puindsa bhliadhna ma bhios e beo gu aois 68. Le e do phaidheadh 16 phuindus 6 tastain aig aois 28 gum bi e cinnteach a 5 puindsa bhliadhna airson a bhantraich ge be am an tachair a bhas-sa. Agus le paidheadh 5 puindn uair a ruigeas gach leanabh aige aois bliadhna, gum bi coir aig a leanabh air 3 tastainsan t-seachduinn aird gus an ruig e 15 bliadhna nan tachradh bas athair roimh an am sin. An so, ma ta, tha meadhonan ann an comas gach duine og air bacadh ainnis. Theagamh gur e suim bliadhnail na bantraich bu choir an toiseach a dheanadh cinnteach an ath chuid airson na

[24]
[25]

clainne, agus mu dheireadh airson an duine, oir mur faigheadh e am feasd e, bu choir do a theaghlaich, air an togail gu maith a bhi na dhion a bfhearrus bu chinntiche dha.

Bha na riaghailtean airson riaghailtchadh Comuinnean den t-seors air an tarruing a mach leis a Chomuinn Ghaidhlach, agus bu choir doibh a bhi ann an laimh gach neach, agus chuir mise iad aig deireadh an leabhair so airsonur seolaidh. Do dhiomadh faodaidh e taisbeanadh do-dheanta an leithidshuimean a chaomhnadh, leis cho beagsa tha priseanus cho iosailsa tha tuarasdalan; ach tha fhios aig iomadh gun robh eigin a cheart cho mor re nan ard phrisean bho na bhliadhna 1812 gu 1818sa tha i an tras’, agus nach do dhearbh pailteas a bhi na bhrosnachadh sam bith gu caomhnadh, ni a tha feuchainn gum bheil nis mo an crochadh airur dichiollan fein na tha air ard phriseanus mor thuarasdlan. Tha iomadh aig am bheil na meadhonansa chail gu caomhnadh, aig nach eil an cleachdadh, agus sin a mhain a chionn nach dfheuch iad a riamh ris, agus chaneil migiarraidh ach sibhse do thoiseachadh a dhfheuchainn cia iomadh 6 sgillinnus tastan as urrainn sibh a chaomhnadh ann an aon bhliadhna, agus creidibh mi, theid an duilcheadas ann an tomhas mor as an t-shealladh. Cuimhnichibh gun tig da thastan air a chaomhnadh gach seachduin le riadh ann am Banc caomhnaidh ann am 20 bliadhna gu 157 puind, agus gun riadh gu 104 puindus 12 tastain. Thig 2 thastansan t-seachduin re chuig bliadhna a mhain gu 28 puind, 3 tastan, ’us 3 sgillinn. Thig 1 tastansan t-seachduin re 7 bliadhna gu 20 puind, 10 tastainus 8 sgillinn. Na earbaibh an leithide de chaomhnaidhean a bhuannaicheadh gu h-onorach aon chuid ann an lamhan dhaoine uaigneach no annur gleidheadh fein: Aig a cheud seors, faodaidh ebhi air a chall le an tubaistean na an ana-caitheamh: Annur gleidheadh fein faodaidh ebhi air a ghoid, no faodaidh sibh a bhi air n- ’ur buaireadh gu cuid dheth a chuir an sasan duil fhaon a chuirna aite fein a rithist Bitheadh e air a chuir gu tearuinte ann am Banc caomhnaidh, agus na bithibh air n- ’ur buaireadh le tairgsean ard-riadh gu ruith cunnairtean a dhfhaodas n- ’ur toirt gu ainnis. Caitam bheil an duine, dhfheorraichinn, nach h-urrainn, lebhicosnadh eadar 18us 25 bliadhna, 6 sgillinn gach seachduin a chaomhnadh, ’us 10 puindsa bhliadhnadheanamh cinnteach mus ruig e aios 70? no co a dhfheuch ris ann an diomhanas?

Alabhairt bho mfhiosrachadh feins urrainn dhomh a radh cia-air-bith cho aindheonachsa bha mo sheirbheisich feinsa chumantas gu toiseachadh ri caomhnadh cuid dhe an tuaras-

[26]
[27]

dal, agus cia laidir air bith am barail an tos nach burrainn iad dad sam bith a chaomhnadh, gidheadh cha do choinnich mi ri aon neach air an do spar mi toiseachadh ri caomhnadh nach deach an neach sin air adhairt gach bliadhna acuir ris an stoc agus adeanamh tuilleadh dichiollan caomhnaidh. Chuir gach aon de mo sheirbhisich-tighe, a dhfhan re tearc de bhliadhnaichean ann mo sheirbhis, richeile suimean nach bu bheag, agus tha iad a nisgam faireachdan fein saor, ged nach do chaomhan iad tastan ann an seirbhis sam bith eile a roimh, agus so cha bann bho ard thuarasdalan, ach de bhrigh gun dthug mi orra feuchain ris, cia-sam-bith cho beagsa dhfhaodadh an tasgaidh a bhi air tus, agus a chionn, mar a gheibh sibhse gu cinnteach le cleachdadh, gun teid an duilcheadas caomhnaidh as an t-shealladh cho luathsa thoisicheas sibh gu ceart leis sin ris an abairear gu cumantaur n- ’ubh neid. San ath ait thoiream dhuibh beagan bheachd-chomhairlean mu thimchiollur slainte agus na h-easlaintean as cum anta dor duthaich.

titleLon
internal date1838.0
display date1838
publication date1838
level
reference template

Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p

parent textBeachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ’us Choitearan
<< please select a word
<< please select a page